Barrachd fiosrachaidh mun Ghàidhlig a dhìth

Faclan

Chan eil fiosrachadh gu leòr ga thoirt seachad mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, neo fiù 's mun Ghàidhlig fhèin, ann an sgoiltean na h-Alba a rèir an Oll. Boyd Robasdan.

Bha Mgr Robasdan a' bruidhinn agus iris ùr mu dheidhinn foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig ga foillseachadh san Òlaind.

Tha an leabhar ag innse mun atharrachadh a thàinig air an t-suidheachadh bho chaidh a' chiad iris a sgrìobhadh bho chionn 17 bliadhna.

Thuirt Mgr Robasdan gu bheil e a' togail air an fhiosrachadh a th' air a chruinneachadh anns an leabhran.

''Tha an dossier mar phàirt de shreath de leabhrain fhiosrachaidh a tha buidheann ris an canar Mercator às an Òlaind, neo às an tìr ìosail, a' clo-bhualadh," thuirt e.

''Tha còrr is 50 ann uile gu lèir.

''Tha iad mu gach mion-chànan anns an Roinn Eòrpa is tha iad gu math farsaing a thaobh na tha iad a' còmhdach,'' thuirt e.

Dh'innis Mgr Robasdan gu bheil na leabhrain ag amas air leigeil le eòlaichean foghlaim is luchd-rannsachaidh a bhith a' cnuasachadh coir gach cànain agus a' dèanamh coimeas eatorra.

Bha e an sàs anns an dara leabhar mu FTMG. Thàinig a' chiad iris a-mach 17 bliadhna air ais.

''Tha an dara iris a' toirt fiosrachaidh seachad mu dheidhinn suidheachadh a' chànain ann an eachdraidh na dùthcha, mar a tha e an-duigh, agus cuideachd a' toirt sùil air adhart chun an àm ri teachd is dè dh'fhaotadh tachairt.

''Tha e a' còmhdach gach ìre de dh'fhoghlam bho fhoghlam ro-sgoile suas tron bhun-sgoil is an àrd-sgoil agus a' dol air adhart gu foghlam leantainneach, foghlam inbheach agus suas gu àrd-fhoghlam.

''Tha an t-uabhas atharrachaidh air tighinn san àm a tha sin,'' thuirt e.

Eachdraidh na Gàidhlig

A' togail air an fhiosrachadh a chaidh a chruinneachadh thuirt Mgr Robasdan gun robh e a' coimhead air adhart agus a' beachdachadh air dè dh'fhaotadh tachairt agus a' comharrachadh rudan a bu chòir eall a thoirt dhaibh.

''Mar eiseimpleir nach eil gu leòr foghlaim mu dheidhinn Gàidhlig ann an Alba agus pàirt den aineolas a tha a' nochdadh anns na meadhanan naidheachd gu math tric mu dheidhinn na Gàidhlig.

'''S ann gu ìre mhòir ri linn nach d' fhuair na ginealaichean a tha a' sgrìobhadh an-dràsta foghlam mu dheidhinn na Gàidhilg agus cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig air a bhith ann an eachdraidh na dùthcha.

''Cha d' fhuair iad sin anns na sgoiltean, ged a chuala iad gu leòr mu na Ròmanaich is na Lochlannaich, cha d' fhuair iad mòran fiosrachaidh mu na Ceiltich, ma fhuair iad sgath idir,'' thuirt e.

Thuirt Mgr Robasdan gur ann airson adhbharan rannsachaidh a tha an t-sreath seo air a chur ri chèile, agus gur ann airson obair sgoilearachd agus obair fiosrachaidh a tha e, agus nach ann airson coimhead cho mionaideach air dè tha a' dol a thachairt san àm ri teachd, ged a tha earrann ann far a bheil thu a' cur sìos chòmharran mu dheidhinn sin.