Rabhadh mu na fèidh

Damh Image copyright Getty Images
Image caption Thèid soidhnichean rabhaidh a lasadh ri taobh nan rathaidean far a bheil fèidh nan cunnart

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' toirt rabhadh do dhràibhearan a bhith mothachail de dh'fhèidh air na rathaidean 's barrachd thubaistean ann leotha aig an àm seo den bhliadhna.

Bhon 21mh dhen Chèitean bidh soidhnichean gan lasadh ri taobh nan rathaidean mòra ann an Alba anns na h-àitichean far a bheil tubaistean le fèidh as bitheanta.

Thuirt Jamie Hammond bho SNH gum bi fèidh òg tric a' dol tarsainn air na rathaidean mun àm seo den bhliadhna, 's iad gan ruagadh lem màthraichean air thoiseach air àm breith na bliadhna-sa.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile