Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Skripal

Tha an t-seann fhear-brathaidh Ruiseanach, Sergei Skripal, a chaidh a phuinnseanachadh ann an Salisbury, air an ospadal fhàgail. Bha Mgr Skripal air a bhith fo chùram ann an Ospadal Salisbury bho chaidh e fhèin agus an nighean aige Yulia a phuinnseanachadh le nerve agent. Fhuair ise a-mach às an ospadal air a' mhìos a chaidh. Chuir Breatainn as leth na Ruis gur iad a bh' air cùl na h-ionnsaigh, ach tha Moscow a' dol às àicheadh na casaid.

Ebola

Co-dhùnaidh Buidheann Slàinte na Cruinne an-diugh an tèid mar a tha Ebola a' sgapadh ann am Poblachd Democrataigeach a' Chongo a ghairm mar chùis èiginneach eadar-nàiseanta do shlàinte a' phobaill. Thathas den bheachd gu bheil còrr air dà fhichead cùis dhen ghalar ann, agus tha iad a' rannsachadh mar a bhàsaich trì duine fichead.

Am Pòsadh Rìoghail

Chaidh ainmeachadh gur e am Prionnsa Teàrlach a choisicheas Meghan Markle sìos trannsa na h-eaglaise a-màireach nuair a phòsas i am Prionnsa Harry. Chan urrainn do athair Meghan a bhi aig a' Bhanais Rìoghail, às dèidh dha a dhol fo obair-lannsa air a chridhe. Thuirt Lùchairt Kensington gun robh am Prionnsa Teàrlach toilichte fàilte a chur air Meghan dhan teaghlach san dòigh seo.

Afganastan

Tha Riaghaltas Bhreatainn a' beachdachadh air àrdachadh mòr a thoirt air an àireamh shaighdearan a th' aca ann an Afganastan. Tha seo mar phàirt de ro-innleachd nas làidire airson cur an aghaidh an Taliban agus dèiligeadh ris a' bhuidhinn a tha a' gabhail na Stait Ioslamach orra fhèin. Tha Rùnaire an Dìon, Gavin Williamson, air sgrìobhadh chun a' Phrìomhaire agus e a' moladh gun tèid co-dhiù 400 saighdear a bharrachd a chur a-null.

Cìs

Nochd draghan mun t-seòrsa buaidh a bhiodh aig cìs turasachd air àitichean tadhail air feadh na h-Alba. Thuirt triùir às gach ceathrar air a' Ghàidhealtachd agus na na Eileanan a chaidh a cheasnachadh gu bheil iad an aghaidh an leithid. Tha Ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd air iarraidh gun tèid deasbad a chumail mun ghnothach ge-tà agus iad a' moladh gun deadh an t-airgead a thèid a thogail a chur gu feum ann a bhith a' càradh rathaidean na sgìre.

SNP

Chaidh pàipearan baileat a chur a-mach an-diugh anns an taghadh airson leas-cheannard ùr air an SNP. Tha triùir thagraichean ann - Rùnaire na h-Eaconomaidh Cè MacIlleDhuinn, an Comhairliche Chris McEleny agus an tè-iomairt Julie Hepburn. Thèid toradh na bhòt fhoillseachadh aig co-labhairt a' phàrtaidh air an ath-mhios.