Là mòr anns na cupanan

Cupa MhicThàmhais Image copyright Neil G Paterson

Gheibhear a-mach Disathairne cò bhios anns na ciad cuairtean deireannach mòra de sheusan na h-iomain, is iar-chuairtean deireannach ann aig deas aig tuath.

Tha Ceann Loch Seile ag amas air cho math 's a tha iad a' dèanamh san lìog a chumail a' dol ann an Cupa MhicThàmhais is Cabair Fèidh gus tadhal orra sa Chlachan Aillseach.

Bidh Seile ann an sunnd às dèidh dhaibh buannachadh 3-1 ann an Dùn Omhainn an aghaidh Chaoil Bhòid an t-seachdain seo chaidh.

Tha sin a' fàgail gu bheil iad fhathast aig mullach na lìge is gun chall idir am-bliadhna.

Tha Cabers fhèin air iongadh a chur air gu leòr le mar a tha iad air tòiseachadh anns a' chiad sheusan aca sa Phrìomh Lìog.

Thug iad pronnadh 5-0 air Gleann Urchadain an t-seachdain seo chaidh is coltas ann aig an ìre seo gum bi e comasach dhaibh fuireach suas.

Le Caomhin Bartlett is Craig Moireasdan am measg nan tadhal bidh cothrom aca Disathairne.

Dìoghaltas

Cha do rinn Ceann Loch Seile buileach cho math anns na cupanan an-uiridh ge-tà, is bidh iad ag amas air sin a chur ceart le duais no dhà a bhuannachadh am-bliadhna.

Bu chòir gun tig iad troimhe Disathairne.

Sa gheama eile an an Cupa MhicThàmhais cuiridh Lòbhat fàilte air Baile Ùr an t-Slèibh.

'S e am Baile Ùr a tha a' dìon na farpais, gu dearbh tha iad ag amas air a bhuannachadh 'son an treas bliadhna ann an sreath.

Ged a tha iad mar-thà air dà gheama a chall am-bliadhna, chuir iad seachd seachad air na Sgitheanaich Disathairne.

Tha Lòbhat a' dol gu math is bidh iad cuideachd ag amas air dìoghaltas air choireigin às dèidh dhaibh call ris a' Bhaile Ùr sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd an-uiridh.

Image copyright SNS
Image caption Tha Caol Bhòid ag amas air soirbheachas a bharrachd sa Chupa Cheilteach.

Tha e a h-uile coltas ann gur e geama teann a bhios ann an Cill Taraglain.

Aig deas tha Caol Bhòid ag amas air a' Chupa Cheilteach a thogail 'son an t-siathamh turas ann an sreath.

Thèid iad a Ghlaschu Disathairne a chluich Meadhan Earra-Ghàidheal is bidh a h-uile dùil ann gum buannaich balaich Thaigh na Bruaich.

San iar-chuirt dheireannaich eile aig deas bidh Camanachd an Òbain aig an taigh an aghaidh Inbhir Aora.

Ged a tha iad air a dhol air ais, tha sgioba Loch Fìn fhathast nas cunnartaiche anns na cupanan is tha iad cuideachd fìor mheasail air Pàirce Mossfield.

Tha iad comasach air deuchainn a thoirt do Chamanachd an Òbain, ach bu chòir gun tig an sgioba bhon Phrìomh Lìog air adhart.

Tha aon gheama sa Phrìomh Lìog is Loch Abar a' cur fàilte air na Sgitheanaich.

Frasadh

Bidh an dà sgioba car goirt is na h-Abraich air droinneadh 9-0 fhaighinn an t-seachdain seo chaidh fhad 's a bha na Sgitheanaich iad fhèin a' call 7-1.

Tha iad ri chèile feumach air togail.

Ann an Lìog Tuath 2 cuiridh Camanachd Leòdhais fàilte air a' Mhanachainn.

Thog na Leòdhasaich puing eile an aghaidh Shrath Spè an t-seachdain seo chaidh, is bidh iad ag amas air cur ris a sin ann an Siabost.

Ann an Camanachd nam Ban, 's e Bàideanach is Srath Spè an aghaidh nan Sgitheanach geama mòr na deireadh-sheachdain.

Tha an dà sgioba gun chall fhathast san lìog is iad 85 tadhal a chur eatorra.

Feumaidh rudeigin atharrachadh nuair a choinnicheas iad Didòmhnaich.