Àrdachadh anns na tha a' tadhal air na h-eileanan

Tràigh anns na Hearadh Image copyright Mike Pennington/Geograph
Image caption 'S e an àrainneachd as motha a tha a' taladh luchd-turais, a rèir an rannsachaidh.

Thàinig àrdachadh còrr air 20% air an àireamh dhaoine a chaidh air làithean-saora gu ruige eileanan na h-Alba an-uiridh, a rèir rannsachaidh ùir.

Sheall Ceisteachan Luchd-turais nan Eilean gun do thadhail còrr air 476,000 duine air na h-Eileanan an Iar, Arcaibh is Sealltainn an-uiridh agus gun tug seo £137m a-steach do dh'eaconamaidh nan eilean sin.

Thàinig an treas cuid den luchd-turais bho thall-thairis.

A rèir an rannsachaidh 's e an àrainneachd as motha a tha a' tàladh luchd-turais, agus mar a tha sin ri faicinn ann am prògraman telebhisein 's eile.

Bha moladh aca cuideachd air cho càirdeal 's a bha na daoine ris an do choinnich iad anns na h-eileanan.