Mapadh na Gàidhlig an Glaschu

Glaschu Image copyright MJ Richardson / Geograph

Tha feum air còmhradh às ùr mu eachdraidh nan Gàidhea ann an Glaschu is mar a tha an sgeulachd aca air a h-innse agus air a glèidheadh.

'S e sin beachd a nochd aig tachartas ann am Baile Mòr nan Gàidheal Diardaoin.

'S iad a' bhuidheann Glaschu Beò a chuir a' bhùth-obrach, air an robh Mapadh na Gàidhlig ann an Glaschu, air dòigh.

Tha seo mar phàirt de phròiseact ùr nas motha air a bheil glaschu.net, a tha a' coimhead gu sònraichte air sgeulachd nan Gàidheal ann an Glaschu.

Coimheadaidh a' phròiseact, am measg eile, air ainmean-àite Gàidhlig ann an Glaschu, is air mar a tha na Gàidheil air buaidh a thoirt air a' bhaile.

Deasbad

Nochd beachdan gu leòr Diardaoin air dè bu chòir a bhith na lùib, nam measg àite na Gàidhlig ann an taighean-tasgaidh a' bhaile.

"Tha sinn an dòchas an ath-bhliadhna is a' bhliadhna às dèidh sin gum bi sinn a' coimhead air sgeulachd nan Gàidheal taobh a-staigh taighean-tasgaidh", thuirt Rona NicDhòmhnaill bho Ghlaschu Beò.

"Dè seòrsa sgeulachdan a tha freagarrach anns an là a th' ann an-diugh? Cò tha ag innse nan sgeulachdan sin? Ciamar a dh'fhaodas sinn solas a chur air an eachdraidh seo a tha cho beòthail is a tha, 's dòcha, air a bhith air a falach?"

Thuirt Rona gu bheil glaschu.net ag amas air Gàidheil Ghlaschu a thoirt còmhla gus na sgeulachdan aca innse, is deasbad a dhèanamh air mar a bu chòir an glèidheadh.

Tha an deasbad sin a-nise air tòiseachadh.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu glaschu.net an seo, is mu na tha a' dol a thaobh na Gàidhlig ann an Glaschu an seo.