Aithne Bhuill-Phàrlaimaid air a ghoid

BP Seumas Stone

Thuirt am BP Gàidhealach Seumas Stone ann an Taigh nan Cumantan gun robh na Poilis den bheachd gun deach an aithne aige a ghoid le reiceadair dhrogaichean.

Tha Seumas Stone na Bhall-Pàrlamaid airson Gallaibh, Cataibh agus Ros.

Dh'innis e anns a' chiad dol a-mach gun do chuir na Poilis às a leth gun robh e ann an tubaist-rathaid ann an Salford, faisg air Manchester.

Ach thuirt e gun robh e anns a' Phàrlamaid air an là a thachair an tubaist a bha sin, agus mar sin gur e deagh eisimpleir a bh' anns an t-suidheachadh de mhèirle aithne.

"Bha na Poilis ann am Manchester uabhasach cuideachail, agus dh'innis iad dhomh gun robh iad den bheachd gur e reiceadair dhrogaichean a ghoid m' aithne," thuirt e.

Thuirt Labhraiche Thaigh nan Cumantan, Iain Bercow, gun robh Mgr Stone air sgrìobhadh thuige mu dheidhinn an t-suidheachaidh, agus nach robh adhbhar sam bith aige airson leisgeul iarraidh bhuaithe.