Mì-thoileachas mu atharrachaidhean slàinte an Gallaibh

Suaicheantas NHS na Gàidhealtachd

Tha neach-iomairt air a ràdh nach eil e idir toilichte mun dòigh anns a bheil NHS na Gàidhealtachd a' feuchainn ri atharrachaidhean a dhèanamh air seirbheisean slàinte ann an Gallaibh.

Tha NHS na Gàidhealtachd a' dèanamh sgrùdaidh a-rithist air seirbheisean slàinte anns an sgìre.

Tha seo às dèidh dhaibh fàiligeadh ann a bhith a' feuchainn ri uàrdaichean aig Ospadal Dunbar ann an Inbhir Theòrsa agus an t-ospadal ann an Inbhir Ùige a' dhùnadh.

Thuirt Leas-Chathraiche Sgioba Ghnìomh Slàinte Ghallaibh, an t-Oll. Iain Baikie, nach eil càil air atharrachadh anns an dòigh sa bheil am bòrd slàinte a' dèanamh an sgrùdaidh.

Airgead teann aig a' bhòrd

Thuirt an t-Oll. Baikie: "Tha na h-iomairtean a chaidh air adhart anns an Dàmhair an-uiridh air an sguabadh air falbh is tha na "sginnean a-muigh" aig na ceannardan slàinte airson seribheisean Ghallaibh."

Chuir e às leth a' bhùird gun robh iad a-mach air gearraidhean a dhèanamh le dùnadh uàrdan fhathast air a' chlàr.

Chaidh neach-labhairt NHS na Gàidhealtachd às àicheadh gun robh an t-ath-sgrùdadh fo stiùir, agus gun robh iad ag iarraidh bheachdan airson cùisean a thoirt air adhart.

"Tòisichidh na coinneamhan an t-seachdain seo tighinn, agus tha dòchas gun tèid molaidhean aontachadh airson a thoirt chun a' bhùird mus tèid e a-mach gu co-chomhairle phoblaich," thuirt e.