Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàsa

Tha Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte a' coinneachadh an-diugh a dheasbad an fhòirneirt ann an Gàsa an-dè air an dearbh là 's a dh'fhosgail na Stàitean Aonaichte an ambasaid ùr ann an Ierusalem. Thòisich Pailistinianaich an-diugh a' tiodhlacadh na chaill am beatha nuair a loisg feachdan Israelach orra. Chaidh 58 duine a mharbhadh agus tha dùil ri tuilleadh togail fianais an-diugh agus Pailistinianaich a' comharrachadh 70 bliadhna bho thàinig air ceudan mhìltean dhiubh an dachannan fhàgail nuair a chaidh Stàit Israel a chuthachadh.

Cion Cosnaidh

Thàinig an àireamh dhaoine a tha gun chosnadh a-nuas ann an Alba agus air feadh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir. Thuit an àireamh air feadh Bhreatainn eadar am Faoilleach 's am Màrt gu 1.42 millean. Bha an àireamh an Alba sìos mu 6,000 gu 118,000. Agus a rèir Oifis na Stàitistig Nàiseanta, dh'fhàs tuarastal nas luaithe na an atmhorachd airson a' chiad uair ann an còrr is bliadhna.

Bile Bhrexit

Tha làn-dùil ri bhòt ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh an aghaidh bile Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson Bhrexit. Tha e coltach gum bi na Làbaraich 's am Pàrtaidh Uaine a' bhòtadh còmhla ris an SNP a tha ag ràdh nach eil bile Westminster a' dol faisg air cumhachdan a thilleadh mar a bu chòir gu Holyrood.

Aillse

Tha carthannas aillse ag ràdh gur ann an aghaidh an toil anns an ospadal a tha cus dhaoine aig deireadh am beatha. Tha Buidheann Aillse Mhic a' Mhaoilein ag ràdh nach eil èisteachd gu leòr ann do dh'fheadhainn air a bheil aillse agus a tha ag iarraidh beatha àbhaistich cho fad 's is urrainn dhaibh, agus nach iarradh a bhith san ospadal. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag obair agus a' bruidhinn ris na diofar bhuidhnean airson an cùram as fheàrr a thoirt seachad aig deireadh beatha.

Innealan Airgid

Bidh Comataidh nan Cùisean Albannach ann am Pàrlamaid Westminster a' dèanamh deasbaid an-diugh air innealan ATM nam bancaichean balla. Tha dragh ann gun caill sgìrean ann an Alba na h-innealan sin, agus a' chompanaidh a tha a' ruith a' mhòr-chuid dhiubh, Link, a' dèanamh ath-sgrùdaidh orra.

Rathaidean nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus Hitrans ag iarraidh bheachdan air ciamar as fheàrr a ghabhas e a dhèanamh nas fhasa 's nas sàbhailte do dh'fheadhainn a bhios a' cleachdadh baidhseagail no a' coiseachd air sràidean agus rathaidean nan eilean. Bidh cothrom ann beachdan a thoirt seachad aig diofar thachartasan air feadh nan eilean eadar a-màireach agus Diluain.