Dè chaidh ceàrr dha na sgiobaidhean Gàidhealach?

An 19mh den Mhàirt 2016 Image copyright SNS
Image caption An 19mh den Mhàirt 2016 is ball-coise Gàidhealach aig àrd-ìre.

'S e là eachdraidheil a bh' anns an 19mh den Mhàirt 2016 do bhall-coise na Gàidhealtachd.

Seachdain às dèidh dhaibh Cupa na Lìge a bhuannachadh an aghaidh Hibs aig Hampden, chuir Ross County fàilte air na nàbaidhean aca, Caley Thistle.

'S ann le Caley a bha Cupa na h-Alba is iad air a' chùis a dhèanamh air an Eaglais Bhric sa Chèitean 2015.

Bha an dà chupa mòr nàiseanta ann an làmhan nan sgiobaidhean Gàidhealach, suidheachadh nach biodh duine air creidsinn nuair a fhuair ICT is County ballrachd ann an Lìog na h-Alba air ais ann an 1994.

Ann am beagan is 20 bliadhna bha Caley Thistle is Ross County air mullach bhall-coise na h-Alba a ruighinn.

Bha e an còmhnaidh gus a bhith doirbh dhan dà sgioba fuireach aig an ìre sin, gu h-àraidh le fuamhairean mar Rangers, Hearts is Hibs air ais a' farpais a-rithist aig àrd-ìre.

Ach cò bhiodh air creidsinn an là ud sa Mhàirt 2016 gum biodh Caley Thistle is County còmhla san Championship ann an 2018/19?

'S iad ICT a thuit an toiseach.

Image copyright SNS
Image caption An tadhal a bhuannaich Cupa na h-Alba do Chaley Thistle an 2015.

Bha Iain Hughes mì-thoilichte anns na mìosan às dèidh na glòire aig Hampden is e a' faireachdainn nach d'fhuair e taic gu leòr gus Inbhir Nis a chumail aig àrd ìre, no a chur suas ìre eile.

Às dèidh dha ICT is Yogi dealachadh, chuir bòrd Inbhir Nis earbsa ann am fear a bha na ghaisgeach dhaibh air a' phàirc, Richie Foran.

Mar a dh'obraich cùisean a-mach, 's e mearachd a bha seo.

'S e a' mhearachd as motha, ann am beachd chuid mhath de luchd-leantainn ICT, taic a chumail ri Foran cho buileach fada.

Bha faireachdainn ann gum faodadh Inbhir Nis a bhith air fuireach sa Phrìomh Lìog nam biodh iad air Foran a chur às a dhreuchd ro dheireadh an t-seusain.

Cluinnear tric nach eil dìlseachd ann am ball-coise. San t-suidheachadh seo, bha coltas ann gun robh bòrd ICT tuilleadh 'sa còir ro dhìleas dha Richie Foran.

Chan e sin e do Ross County. Mura h-eil manaidsear a' dèanamh gu leòr airson Roy MacGrìogair a riarachadh, falbhaidh e.

Cha bhiodh Foran, tha fios, air maireachdainn cho fada ann an Inbhir Pheofharain.

Image copyright SNS
Image caption ICT le Cupa na h-Alba.

'S e sin a dh'fhàg Jim Mac an t-Saoir a-mach à obair san t-Sultain 2017, bliadhna às dèidh dha Cupa na Lìge a bhuannachadh.

Ach chanadh tòrr de luchd-leantainn Chounty gun robh MacGrìogair ceart leis a' cho-dhùnadh sin, ach fada ceàrr a thaobh an duine a chuir e an àite Mhic an t-Saoir.

Bha cliù mhòr, uaireigin, aig Owen Coyle ann am ball-coise Shasainn ach bha cùisean air a dhol ceàrr dha.

Cha tàining aiseirigh air cliù Choyle an Inbhir Pheofharain is le aithrisean mu mhì-thoileachas air cùl ghnothaich, choisich e air falbh às dèidh dìreach còig mìosan.

Chuir MacGrìogair earbsa an uairsin ann an dithis a bha air am bogadh ann an Ross County, Stiùbhart Kettlewell is Steafan Fearghasdan, ach cha b'urrainn dha na noibhisich na Staggies a chumail sa Phrìomh Lìog.

Car coltach ri ICT, tha a h-uile coltas ann gur e sreath de dhroch cho-dhùnaidhean aig diofar ìrean a chuir às dha Ross County sa Phrìomh Lìog.

Dè a-nise ma-thà?

Tha coltas air Inbhir Nis co-dhiù gu bheil iad a' tighinn air adhart.

Image copyright SNS
Image caption Alex Schalk leis an tadhal a bhuannaich Cupa na Lìge.

Thàinig Iain Robasdan a-steach an àite Foran goirid ro 2017/18 is rudeigin de bhutarrais a' feitheamh ris.

Ach mean air mhean thairis air an t-seusain, chaidh aig Robasdan ri sgioba nas làidire a thogail, sgioba a bhuannaich Cupa Dùbhlan na h-Alba.

Gu dearbha, mura b' e tadhal fìor anmoch bho Nicky Clark aig Dùn Phàrlain an aghaidh Inbhir Nis sa Ghiblean, bhiodh Robasdan air an sgioba aige a thoirt dha na play-offs.

A-nise, le samhradh air fad aige gus an sguad a neartachadh, bidh an Robasdanach ag amas air ceum eile a ghabhail an ath-sheusan.

Aig an dearbh àm, tha bòrd ICT a' feuchainn ri structar ùr a chur air dòigh gus an cluba a chur air bun-stèidhe nas cinntiche.

Tha obair ann fhathast, ach tha coltas ann gu bheil Inbhir Nis air an t-slighe.

Image copyright SNS
Image caption Ross County le Cupa na Lìge.

Chan eil cùisean cho soilleir air taobh thall na drochaide.

Tha Roy MacGrìogair air airgead mòr a chur a-steach gus Ross County a chumail aig àrd-ìre is bidh feum air tuilleadh ma tha iad gus tilleadh.

Fiù 's ged a chumas an t-airgead a' sruthadh bhuaithe bidh feum, tha fios, air gearraidhean ann an Inbhir Pheofharain.

Gheibh Kettlewell is Fearghasdan cothrom ach bidh e inntinneach fhaicinn - ma bhios cnapan-starra air an rathad - am faigh iad barrachd ùine bhon chathraiche na fhuair manaidsearan eile.

Gu follaiseach, gabhaidh leasanan ionnsachadh an Inbhir Nis is Inbhir Pheofharain.

Ràinig na sgiobaidhean Gàidhealach mullach na beinne roimhe. Feumaidh iad a-nise a dhìreadh a-rithist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo