CNES airson is gun till an Clipper Ranger

An Clipper Ranger Image copyright Seatruck Ferries

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air Riaghaltas na h-Alba am bàta bathair Clipper Ranger fhaighinn air màl airson còig bliadhna.

Bha an Clipper Ranger roimhe air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Bho thàinig an Loch Seaforth a-steach gu seirbheis, tha i air a bhith a' giùlain an da chùid luchd-siubhail agus seirbheisean bathair.

Ach le cuideam mòr air seirbheisean aiseig is a h-uile dùil gun lean seo anns na bliadhnaichean ri tighinn, tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh dhan Riaghaltas an Clipper Ranger a thoirt air ais.

Bheireadh seo faochadh dhan Loch Seaforth, tha iad ag ràdh.

Tha a' Chomhairle fhèin air a bhith a' bruidhinn ris a' chompanaidh leis a bheil an Clipper Ranger, Seatruck.

Cùmhnant

Tha an t-ùghdarras ionadail a-nise air innse do Mhinistear na Còmhdhail, Humza Yousaf, gun gabhadh an Clipper Ranger fhaighinn air màl airson còig bliadhna, air cosgais £6m sa bhliadhna.

Thuirt ceannard na Comhairle, Roddie MacAoidh, gun cuidicheadh seo anns na h-Eileanan fhad 's a tha obair a' dol air na bàtaichean aiseig ùra a thathas a' togail.

Dh'innis e gum biodh an Clipper Ranger feumail cuideachd nuair a dh'fheumadh bàtaichean ChalMac a dhol airson rannsachaidh is obair-càraidh a h-uile bliadhna.

Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil iad air bruidhinn ri Seatruck a thaobh an Clipper Ranger fhaighinn air màl, ach nach eil ùidh aig a' chompanaidh ann an cùmhnant goirid.

Tha iad ag ràdh gun cosgadh màl nas fhaide na milleanan notaichean.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air seòlaidhean a bharrachd a chur air dòigh air slighean dha na h-Eileanan an Iar ri linn 's cho trang 's a tha dùil a bhios aiseagan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile