Bus air a sgrios an Inbhir Nis

Bus fire Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX

Chaidh bus turasachd dà-ùrlair a sgrios ann an teine air an A82 an Inbhir Nis.

Nochd aithrisean gun cuala daoine "spreadhadh mòr uabhasach" mu 09:30m Diardaoin, agus chunnacas ceò dubh bho làrach an teine bho faisg air meadhan a' bhaile.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba nach deach duine a ghoirteachadh.

Thuirt Trafaig Alba gun robh an A82 air a dhùnadh gach taobh aig Raon-Goilf Thòr Bheathain, agus gum bu chòir do dhràibhearan slighean eile a chleachdadh.

Dh'iarr na Poilis cuideachd air daoine an sgìre a sheachnadh.

Chaidh dà charbad-smàlaidh a chur chun na làraich, agus mhùchadh an teine.