County air oir na creige

Michael Gardyne Image copyright SNS

Feumaidh Ross County an geama lìge mu dheireadh aca den t-seusan a bhuannachadh gus cothrom sam bith a bhith aca air fuireach sa Phrìomh Lìog.

Chaill na Staggies 1-0 ri Dùn Dè ann an Inbhir Pheofharain oidhche Mhàirt.

Ged a thòisich iad an geama gu math, cha deach aig County air tadhal a chur.

Thàinig Dùn Dè a-steach dhan gheama barrachd is chuir Sìm Moireach an tadhal a bhuannaich na trì puingean dhaibh tràth san dàrna leth.

Bha County gu làidir den bheachd gun robh còir aca a bhith air breab-peanais fhaighinn anmoch sa gheama nuair a chaidh Michael Garydne sìos sa bhocsa.

Sheall Anndra Dallas cairt bhuidhe dha 'son a bhith ri daibheadh.

Feargach

Thuirt co-mhanaidsear Chounty, Stiùbhart Kettlewell, às dèidh làimhe gur e co-dhùnadh truagh a bha sin bhon rèitire, is gu dearbh gu bheil sreath de cho-dhùnaidhean air a dhol an aghaidh na sgioba anns na seachdainean a chaidh seachad.

Bha faochadh air choireigin ann dha na Staggies ge-tà, is Partaig a call 1-0 ri Tobar na Màthar ann an Glaschu.

Tha sin a' fàgail gur e dà phuing fhathast a tha eadar na sgiobaidhean a' dol a-steach dhan là mu dheireadh Disathairne.

Thèid County a Pheairt a chluich St Johnstone is Partaig gus tadhal air Dùn Dè.

Bidh aig County ri buannachadh is a bhith an dòchas nach dèan Thistle nas fheàrr na puing aig Pàirce Dens.

Nan tachradh sin, rachadh County gu play-off an aghaidh Baile Dhùn Lèibhe no Dundee United.