Planaichean smàlaidh gan deasbad

Carbad-smàlaidh

Thèid planaichean airson atharrachadh a dhèanamh air dòighean obrach Seirbheis Smàlaidh na h-Alba a dheasbad le Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo.

Tha na molaidhean a' gabhail a-steach rudan mar a bhith a' cleachdadh charbadan nas luaithe ann an sgìrean dùthchail agus a bhith a' toirt trèanaidh mheidigich do luchd-smàlaidh.

Ach tha dragh ann gum faodadh na planaichean buaidh a thoirt air an àireamh de stèiseanan smàlaidh.

Chaidh dòighean obrach na seirbheis a stèidheachadh anns na bliadhnaichean às dèidh an Dàrna Cogaidh, agus tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba ag ràdh nach eil iad freagarach airson saoghal an là an-diugh.

Anns an fharsaighneachd tha Comhairle na Gàidhealtachd ag aontachadh.

Anns an dreach-fhreagairt aca chun na co-chomhairle a tha ga dèanamh air na planaichean, tha an t-ùghdaras a' cur fàilte air moladh gum faodar trèanadh a thoirt do luchd-smàlaidh ann an cobhair meidigeach èiginneach, agus tha iad ag ràdh gum biodh carbadan nas luaithe "rapid response" na b' èifeachdaich air rathaidean singilte na Gàidhealtachd.

Tha a' Chomhairle cuideachd a' faireachdainn gum biodh barrachd shùbailteachd anns an àireimh de chriutha a dh'fheumas a bhith air gach carbad na chuideachadh do luchd-smàlaidh pàirt-ùine ann a bhith a' dèiligeadh ri tachartasan.

Ach tha iad nas fhaiceallaich mu ath-sgrùdadh air stèiseanan smàlaidh.

Tha iad ag ràdh gun seas iad an aghaidh oidhirp sam bith gus lùghdachadh a thoirt air an àireimh de stèiseanan ann an sgìre cho sgapte ris a' Ghàidhealtachd.