Coinneamh mu chosgaisean-lìbhrigidh

Parsail Image copyright Thinkstock
Image caption Tha mòran air a bhith a' gearain mu chosgaisean-lìbhrigidh àrd air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan

Coinnichidh am BPA Ridseard Lochhead ris a' chompanaidh eadar-lìn eBay Diardaoin a bhruidhinn air cosgaisean-lìbhrigidh pharsailean.

Dhearbh eBay gum faodadh cuid a bhios a reic tron làraich aca a bhith air an casg - ma dh' iarras iad airgead a bharrachd airson rudan a chuir sa phost an dèidh do dhaoine an stuth aca a cheannach.

Thuirt Ùghdarras Irean na Sanasachd nach fhaodadh companaidhean a ràdh gu bheil cosgaisean lìbhrigidh an asgaidh san Rìoghachd Aonaichte mura h-eil sin a gabhail a-steach an dùthaich air fad.

Tha Mgr Lochhead mar-thà air coinneachadh ri Amazon mar phàirt den iomairt aige.