Dearbhadh air corp iasgair an Cataibh

Abhainn Oiceall Image copyright Donald Bain/Geograph
Image caption Chaidh iomairt teasairginn a chur air dòigh nuair nach do thill Mgr McMullen bho chuairt iasgaich

Dhearbh na poilis gur e corp Ian McMullen, a chaidh a dhìth agus e ag iasgach air abhainn Òiceall ann an Cataibh, a chaidh a lorg.

Chaidh iomairt teasairginn a chur air dòigh nuair nach do thill Iain McMullen, 80 agus à Hertfordshire, bho thuras iasgaich air Abhainn Oiceall faisg air an Luirg Diardaoin seo chaidh.

Bha Comann teasairginn Cataibh an Ear agus sgioba teasairginn nam beann an Assainte a-measg nam buidhnean a bha an-sàs san iomairt.

B' iad daibhearan nam poileas a lorg a chorp anns an abhainn Dimàirt.

Taing

Thuirt an t-àrd Inspeactar Iain MacGilleFhaolain gu bheil iad a' smaoineachadh air teaghlach Mhgr MhicMullen aig an àm dhuilich a tha seo.

Thug e taing dha na buidhnean agus daoine sa choimhearsnachd a chuidich san iomairt.

Thuirt e nach robh dad amharasach mun chùis agus gun d'rachadh aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo