Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Cèitean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Poilis

Thuirt Ùghdarras Phoileas Alba gun dèan iad làn sgrùdadh air casaidean sam bith de choirbteachd agus mì-ghiùlain anns an fheachd nàiseanta. Nochd casaidean air prògram le BBC Scotland an t-seachdain-sa de dhroch ghiùlain agus dòighean-obrach mì-laghail às dèidh do Phoileas Alba a bhith air a stèidheachadh.

Thàinig e a-mach bhon an uair sin nach deach sgrùdadh nam poileas a chur gu Ùghdarras Phoileas Alba.

Brexit

Tha buill-phàrlamaid Thòraidheach a bha a' cur an taic ri Brexit a' cur ìmpidh air a' Phrìomhaire cuir às de dh'aon roghainn airson aonta cusbainn leis an EU às dèidh do Bhreatainn an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Tha iad ag ràdh, ann an aithisg a chunnaic am BBC, gun adhbharaicheadh "com-pàirteachas cusbainnean duilgheadasan mòra". Bidh àrd mhinistean anns an riaghaltas a' coinneachadh an-diugh.

Brexit ann an Alba

Cumaidh Riaghaltasan Bhreatainn agus na h-Alba tuilleadh chòmhraidhean an-diugh air dè bu chòir tachairt do chumhachdan a thilleas às a' Bhruiseal.

Tha Inbhean Bidhe na h-Alba ag ràdh gum bi e nas dorra dèiligeadh ri reamhreachd agus trioblaidean dibhe an Alba ma thèid na cumhachdan sin a ghlèidheadh aig Westminster.

Baile Ghlaschu

Thuirt na poilis gun deach fireannach a ghoirteachadh ann an tachartas eadar dà chàr ann an sgìre Springburn de Ghlaschu.

Chaidh oifigearan a ghairm gu Rathad Atlas faisg air Rathad Springburn goirid ro aon uair's deug an-raoir. Tha na poilis a' dèanamh sgrùdaidh aig làrach an tachartais.

Bòrd-slàinte na Gàidhealtachd

Thèid togail air trioblaidean ionmhais NHS na Gàidhealtachd ann an deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an diugh.

Togaidh am ball Tòraidheach Eideard Mountain air sreath de thrioblaidean a tha e ag ràdh a tha droch stiùireadh air adbhrachadh. Thèid bruidhinn mu ghrunnan bhùird NHS eile cuideachd. Iarraidh e air Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Cùis shiobalta

Bheir càirdean fireannaich, a bhàsaich fhads a bha e an grèim aig na poilis ann am Fìobha bho chionn trì bliadhna, Poileas Alba gu lagh. Chaidh Sheku Bayoh gun mhothachadh agus bhàsaich e às dèidh do dh'oifigearan a cheannsachadh ann an Cathair Challdainn anns a' Chèitean 2015.

'S e an-diugh an ceann-latha airson cùis-shìobhalta a chur air dòigh, oir, feumaidh sin tachairt taobh a-staigh trì bliadhna.