Soitheach mòr an Inbhir Ghòrdain

MSC Meraviglia Image copyright MSC Cruise
Image caption Gabhaidh an MSC Meraviglia 5700 duine

Tha an còigeamh soitheach luchd-turais as motha anns an t-saoghal aig caladh ann an Inbhir Ghòrdain.

Tha an MSC Meraviglia 315m a dh'fhaid agus 65m a dh'àirde, agus gabhaidh i 5700 duine.

'S i an soitheach luchd-turais as motha a thig a dh'Alba.

Seusan trang

Tha dùil ri seusan turasachd gu math trang ann an Inbhir Ghòrdain am bliadhna 's am port gu bhith a' làimhseachadh an àireimh as motha fhathast de bhàtaichean luchd-turais.

Tha an MSC Meraviglia am-measg còrr is 90 soitheach luchd-turais a thig dhan phort am bliadhna.