Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rùnaire na Dùthcha

'S e Sajid Javid - a bha na Rùnaire Coimhearsnachdan - Rùnaire ùr na Dùthcha. Bidh e a' gabhail àite Amber Rudd a dh'fhàg a dreuchd air sgàth sgainneal Windrush. Leig Amber Rudd dhith a dreuchd a-raoir, às dèidh dhith innse dha Theresa May gun tug i fiosrachadh ceàrr do bhuill-phàrlamaid co-cheangailte ri bhith a' cur luchd-imrich mì-laghail a-mach às an dùthaich.

Sainsbury's

Tha Sainsbury's ag ràdh nach caill daoine an cosnaidhean agus nach tèid bùithtean a dhùnadh air sgàth am planaichean a dhol còmhla ri ASDA. Bhiodh an t-aonta eadar an dà chompanaidh luach timcheall air deich billean not. Thog Rùnaire Dùbhlanach a' Ghnìomhachais, Rebecca Long Bailey, draghan mu na planaichean - agus dh'iarr i gealltanasan mu obraichean.

Brexit

Tha ceannard an DUP ann an Èirinn a Tuath, Arlene Foster, air ceist a thogail mu mar a tha àrd-bharganaiche an EU air Brexit, Michel Barnier, a' dèiligeadh ri ceist na crìche ann an Èirinn. Thuirt Arlene Foster nach robh Mgr Barnier a' tuigse seasamh luchd an aonaidh ann an Èirinn a Tuath. Bidh Michel Barnier a' tadhal air Èirinn a Tuath agus Poblachd na h-Èireann an-diugh agus a-màireach.

Iasgair

Chaidh slat-iasgaich agus bonaid le fear a chaidh a dhìth ann an Cataibh oidhche Dhiardaoin a lorg le luchd-teasairginn. Bha Ian McMullen à Hertfordshire, a tha ceithir fichead bliadhna a dh'aois, air a dhol a dh' iasgach air abhainn faisg air an Luirg, ach cha do thill e mar a bha dùil. Lean oidhirpean gus lorg fhaighinn air thairis air an deireadh-sheachdain - ach cha deach lorg fhaighinn air.

Taighean falamh

Tha a dhà ùiread de thaighean falamh anns na h-Eileanan an Iar na tha ann an sgìrean eile dhan dùthaich, a-rèir a' Chaidreachais Albannaich airson Taighean Falamh. Thug a' bhuidheann taic-airgid do Chomhairle nan Eilean Siar airson oifigear fhastadh a dh'fheuchas ri tuilleadh feum a dhèanamh de dhachaighean falamh do dhaoine a tha feumach orra.

Polais

Tha pàipearan dìomhair a fhuair am BBC a' nochdadh gun deach feuchainn ri mùchadh a dhèanamh air aithisg a thog casaidean de choirbteachd an aghaidh oifigearan poilis Albannach. Rinn an aithisg cuideachd càineadh air ceannardan nam poileas. Thuirt Poileas Alba gun deach atharrachaidhean mòra a dhèanamh bho chaidh an aithisg a sgrìobhadh.