Dragh mu thurasachd an Cinn Tìre

Aiseag Image copyright Calmac
Image caption Thuirt CalMac gu robh iad an dòchas an t-seirbheis a chur air dòigh a-rithist ro dheireadh na h-ath-mhìos

Cha bhi seirbheis-aiseig a' ruith eadar Àird Rosain agus Ceann Loch Chille Chiarain fad mhìos, air sgàth 's mar a thàinig air Caledonian Mac a' Bhriuthainn crathadh a thoirt air na h-aiseagan aca.

Tha an t-seirbheis sin air a bhith a' ruith tro mhìosan an t-samhraidh bho 2013, le sia seòlaidhean ann gach deireadh-sheachdainn.

Tha an naidheachd air dragh mòr adhbharachadh do ghnìomhachasan ann an Cinn Tìre 's dragh orra gum fulaing turasachd le mu 10,000 duine a' cleachdadh na seirbheis gach bliadhna.

Thuirt CalMac gu bheil iad an dòchas an t-seirbheis a thòiseachadh às ùr air an 24mh là den Chèitean.

Tha mar a tha obar-càraidh air an MV Clansman a' toirt nas fhaide na bha dùil air buaidh a thoirt air grunn sheirbheisean aiseig eile.

Thuirt a' chompanaidh gum feum iad prìomhachas a thoirt gu àitean nach gabh a ruighinn ach le aiseag.

Thabhainn iad leisgeul air an fheadhainn air an toir seo buaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile