Taighean falamh anns na h-Eileanan

Taighean ann an Leòdhas
Image caption Tha a' bhuidheann SEHP ag amas air feum a dhèanamh de thaighean a tha falamh

Sheall rannsachadh gu bheil 8% de thaighean ann an sgìrean dùthchail nan Eilean Siar falamh.

'S e a' bhuidheann nàiseanta SEHP, a tha a' feuchainn ri feum a dhèanamh de thaighean falamh air feadh Alba, a rinn an rannsachadh.

Thug iad taic-airgid do Chomhairle nan Eilean Siar airson oifigear fhastadh airson feuchainn ri dachaighean a dhèanamh do dhaoine ann an sgìre far a bheil e uaireanan duilich àite-fuirich fhaighinn - gu h-àraid do dhaoine òga.

Ìomhaigh

Thuirt Cathraiche Comataidh Taigheadais Chomhairle nan Eilean Siar, Coinneach Iain MacLeòid, gu bheil droch bhuaidh aig taighean falamh cuideachd air ìomhaigh nam bailtean.

"Tha an t-oifigear seo gu bhith ann airson ùine dà bhliadhna - tha sinn a' co-obrachadh le buidheann nàiseanta 'son feuchainn ri aire a thoirt gu na cothroman a th' ann airson na taighean sin a chur air ais ann am feum".

Bidh comhairle ri fhaighinn air leithid maoineachadh agus gnothaichean lagha dhan na dhaoine leis a bheil na taighean falamh seo.

Thathar a' meas gu bheil mu 4% de thaighean timcheall air Steòrnabhagh cuideachd falamh.

Taighean air an tuath

Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil e na amas aig a' Chomhairle barrachd taighean a thogail air taobh a-muigh nam prìomh bhailtean anns na h-Eileanan.

"Tha sinn a-nis airson 's gum bi barrachd taighean air an cur a-mach 's air an togail air an tuath 's timcheall air na sgìrean iomallach air feadh nan eilean gus am bi cothrom aig daoine òg fuireach anns na coimhearsnachdan a tha sin agus nach e direach "ghettoes" do sheann daoine a th' ann."

Tha mar a tha daoine beò nas fhaide, agus sluagh nan eilean a' fàs nas sine, ga dhèanamh deatamach thuirt e gu bheil taighean ann do dhaoine nas òige air am bi feum airson a bhith a' coimhead às an dèidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile