Mì-thoileachas mu IJB Earra-Ghàidheal

Cùram

Chuir comhairlean coimhearsnachd ann an Earra-Ghàidheal bhòt cion-earbsa sa Bhòrd Amalaichte airson Slàinte is Obair Shòisealta san sgìre.

Bha mì-thoileachas ann an Earra-Ghàidheal na bu tràithe air a' bhliadhna nuair a thàinig e am bàrr gun robh an IJB ag ullachadh airson gearraidhean còrr is £10m a chur an sàs am-bliadhna.

Bha iad gus sin a dheasbad aig coinneimh prìobhaidich gus an deach am fiosrachadh a sgaoileadh gu poblach gun fhiosta dhaibh.

Chaidh co-dhùnadh air na gearraidhean an uairsin a chur dheth chun na h-ath-mhìos.

Cion-earbsa

A-nise tha a' bhuidheann a bhios a' riochdachadh nan ochd diofar chomhairlean coimhearsnachd ann an Rubha na Còmhghaill air a dhol an sàs.

Thuirt iad nach eil earbsa aca tuilleadh sa Bhòrd Amalaichte.

Thog iad ceist gu sònraichte mu dhachaigh chùraim Struan Lodge ann an Dùn Omhain.

Thuirt iad gun robh an IJB air aontachadh obrachadh còmhla ris a' choimhearsnachd air ro-innleachd ùir dhan ghoireas, às dèidh mar a chaidh dàil air planaichean 'son a dhùnadh.

Tha na comhairlean coimhearsnachd ag ràdh gun deach geallaidhean a thaobh Struan Lodge a bhriseadh.

Tha iad ag ràdh cuideachd gun robh planaichean dìomhair ann airson a h-uile dachaigh chùraim aig a' Chomhairle air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid a dhùnadh, is gu bheil ceist ann fhathast mu Struan Lodge ged a chaidh na planaichean a tharraing.

Doirbh

Thuirt iad gum bu chòir do stiùiriche an NHS ann an Earra-Ghàidheal, Christina West, a dreuchd fhàgail ri linn 's mar a chaidh an gnothach seo a làimhseachadh.

Thuirt fear-labhairt bho NHS na Gàidhealtachd gur e àm air leth doirbh a th' ann a thaobh ionmhais is gu bheil tuilleadh uallaich a' tighinn air seirbheisean, agus mar sin gum feum iad atharrachaidhean a chur an sàs gus am bi seirbheisean seasmhach.

Thuirt e gu bheil e a' tuigsinn gu bheil seo ag adhbhrachadh mì-chinnt, agus gun do dh'iarr iad leisgeul ron seo airson mar a chaidh na planaichean 'son gearraidhean a dhèanamh a làimhseachadh.

Thuirt e nach deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast mu Struan Lodge, is gun tèid aithisg air beulaibh an IJB air an ath-mhìos mu dhachaighean cùraim na sgìre.