Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

TSB

Thuirt Àrd-Oifigeach TSB, Paul Pester, gu bheil eòlaichean bho IBM ag obair air trioblaidean IT a' bhanca a thòisich bho chionn sia là a chur ceart. Thuirt Mgr Pester nach cuir iad cosgaisean overdraft air luchd-cleachdaidh air a' mhìos seo, agus dh'aidich e nach eil e math gu leòr gu bheil còrr is leth den luchd-cleachdaidh nach fhaigh fhathast dha na seirbheisean aca air-loidhne.

Dotairean Cloinne

Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil dotairean cloinne na h-Alba a' fulang le cus obrach agus cion ghoireasan. Tha Colaiste Rìoghail Lèigheas is Slàinte Chloinne na h-Alba ag iarraidh àireamh nan dotairean àrdachadh bho mu 26 gu 110 an taobh a-staigh còig bliadhna. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil àireamh nan dotairean cloinne air cha mhòr dùblachadh bho 2007.

Brexit

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid Westminster an-diugh air co-dhùnadh an Riaghaltais an t-Aonadh Cuspainn fhàgail an dèidh Bhrexit. Bheir an deasbad sealladh air dè seòrsa dùbhlain a bhios mu choinneimh phlanaichean Theresa May airson Bhrexit nuair a thig e gu bhòtadh a-rithist air a' chùis ann an Taigh nan Cumantan.

Innealan Rabhaidh

Tha 120 sgoil ann an Alba aig nach eil inneal rabhaidh airson ceò. Tha na figearan bho Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a' sealltainn gu bheil sgoiltean ann an Glaschu, Fìobha agus air a' Ghàidhealtachd nam measg. Thog Ball Meadhan na h-Alba agus Fìobha ann am Pàrlamaid na h-Alba, Mark Ruskell, a' chùis ann an Holyrood bho chionn ghoirid an dèidh teine aig sgoil anns an sgìre aigesan anns nach robh inneal rabhaidh airson ceò.

HIE

Rinn buill Chomhairle nan Eilean Siar càineadh air Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean 's iad a' fàgail orra nach eil mòran àite aig na h-eileanan ann am plana HIE airson na bliadhna a tha romhainn. Thuirt buill gu bheil coltas ann gu bheil Inbhir Nis a' faighinn a' mhòr-chuid den airgead leasachaidh, agus gur e glè bheag a bhios air fhàgail dha na h-eileanan. Thuirt HIE gu bheil ochd sgiobannan roinneil aca ag obair air feadh na sgìre, agus gu bheil iad air taic a chumail ri mòran ghnìomhachasan anns na h-eileanan. Bidh coinneamh eadar Comhairle nan Eilean Siar agus HIE air an ath-mhìos.

Na h-Aiseagan

Agus tha comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar cuideachd a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba gun do thrèig iad na h-eileanan leis cho truagh 's a tha seirbheisean aiseig. Tha a' Chomhairle air sgrìobhadh a-niste gu Ministear na Còmhdhail, Humsa Yousaf, ag iarraidh airsan rudeigin a dhèanamh mun troimhe-chèile air na seirbheisean aiseig.