Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Toronto

Tha rannsachadh a' dol air adhart ann an Toronto an dèidh do dhuine a bha a' dràibheadh bhana deichnear a mharbhadh agus 15 duine a ghoirteachadh. Tha poilis a' ceasnachadh duine a tha 25 bliadhna de dh'aois.

Bancaichean Bìdh

Thuirt an carthannas a tha a' ruith a' mhòr-chuid de na bancaichean bìdh ann an Alba nach robh iad a-riamh cho trang 's a bha iad air a' bhliadhna-ionmhais mu dheireadh. Tha Urras Trussell ag ràdh nach eil sochairean agus am pàigheadh as lugha a' cumail ri cosgaisean bith-beò. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gur ann air samhla fìor bheag a tha beachd an Urrais stèidhichte. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil taic aca a tha cothromach dhan a h-uile duine a th' ann an èiginn.

Brexit

Tha còmhradh airson aonta air Brexit a' sìor dhol air adhart eadar Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, ged a dh'aidich an dà thaobh gu bheil an ùine a' ruith orra. Tha lagh na Pàrlamaid ag ràdh gur e a-màireach an là mu dheireadh air am faodar atharrachadh a thoirt air an earrann de Bhile Brexit a tha a' dèiligeadh ri fèin-riaghladh. Chan eil dùil ri coinneimh eadar ministearan an t-seachdain seo, ged a tha coltas ann gum faodadh iad coinneachadh an ath-sheachdain.

Na Làbaraich

Coinnichidh Jeremy Corbyn ri ceannardan Iùdhach aig Westminster feasgar a dh'innse dhaibh gu bheil e a' dèiligeadh ri gràin Iùdhach anns a' Phàrtaidh Làbarach. Tha na buidhnean Iùdhach ag iarraidh ombudsman neo-eisimeilich airson dèiligeadh ri gearainnean.

Aillse

Tha figearan ùra ag ràdh gun tàinig lùghdachadh mu 6% air a' chunnart gun tig aillse air fir an Alba, ach gu bheil cunnart do bhoireannaich suas 2%. Tha an àireamh chùisean de dh'aillse suas cuideachd le ceangal aig 40% de na cùisean sin ri caitheamh beatha mar smocadh, deoch làidir, cus cuideim, agus cus grèine.

Obar Dheathain

Fhuair Cluba Ball-Coise Obar Dheathain cead oifigeil dha na planaichean airson stèidiam ùir agus ionad trèanaidh air iomall a' bhaile. Thuirt an cluba gu bheil iad an dòchas tòiseachadh air an obair aig Kingsford as t-Samhradh. Ach tha cead planaidh a' toirt cothrom cuideachd do dh'fheadhainn a tha an aghaidh na sgeama ath-sgrùdadh laghail iarraidh air a' cho-dhùnadh. Thuirt a' bhuidheann No Kingsford Stadium gun dèan iad tagradh laghail, agus tha iad a' togail airgid airson sin.

A' Ghàidhlig

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air Plana Nàiseanta na Gàidhlig, agus nì ball an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach Ceit Fhoirbeis òraid eile sa Ghàidhlig, an turas seo a' cur dìon oirre fhèin mun dòigh san do rinn i òraid Ghàidhlig anns a' Phàrlamaid bho chionn ghoirid. Thuirt Ms Fhoirbeis gun d' fhuair i na h-uimhir de chàineadh airson sin, agus feadhainn a' fàgail oirre gun robh i ri sgaradh agus a' cleachdadh na Gàidhlig air adhbhar nàiseantachd.