Àrdachadh an àireamhan phuirt-adhair HIAL

Taobh a-staigh Phort-adhair Inbhir Nis Image copyright Geograph/John Allan

Chaidh an àireamh as àirde a-riamh de luchd-siubhail tro phuirt-adhar na Gàidhealtachd agus nan Eilean thairis air a' bhliadhna a chaidh seachad.

Chleachd 1.78m duine na 11 puirt-adhar aig HIAL ann an 2017/2018, àrdachadh de 112,000 neach-siubhail air a' bhliadhna ron an sin.

'S ann aig Port-adhair Sumburgh ann an Sealtainn bha an t-àrdachadh as motha leis na h-àireamhan ag èirigh 17.9%.

Dh'èirich àireamh an luchd-siubhail ann am Barraigh 9.3%.

Bha àrdachadh de 9.1% ann an Kirkwall agus 8.4% ann an Ìle.

Seirbheisean ùra

Chleachd 47,000 duine a bharrachd Port-adhair Inbhir Nis - le seirbheisean gu Lunnainn agus Amsterdan a' tàladh barrachd dhaoine.

Tha dùil gun lean na h-àireamhan ann an sin ag èirigh agus seirbheisean ùra a Majorca agus Bergen a' tòiseachadh am bliadhna.

Ach, thàinig lùghdachadh mòr air an àireamh luchd-siubhail a chaidh tro Phort-adhair Dhùn Dè.

Chaidh sin sìos 43.4% an dèidh dhan t-seirbheis gu Amsterdam a bhith air a stad.

Thuit an àireamh a chleachd Port-adhair Inbhir Ùige 16.8%.

Bha gnothach aig lùghdachadh ann an gnìomhachas a' chumhachd ann an Obar Dheathain ris a sin.