Rùnaire an Dìon aig RAF Inbhir Losaidh

Itealan
Image caption Bidh am P-8A Poseidon an sàs ann an obair theasairginn am measg eile.

Thadhail Rùnaire Dìon na Rìoghachd Aonaichte, Gavin MacUilleim, air ionad RAF Inbhir Losaidh agus obair air tòiseachadh air goireas ùr airson nan itealan-faire mara ùra.

Tha dùil ris a' chiad phlèana P-8A Poseidon aig an ionad ann am Moireibh ann an 2020.

Chaidh am plèana mu dheireadh aig an Rìoghachd Aonaichte airson sgrùdadh mara a sgèith a-mach à ionad RAF Cheann Lois ann an 2010.

Tha dùil gun cosg an leasachadh aig ionad Inbhir Losaidh - a thèid a dhèanamh leis a' chompanaidh Robertson Northern - £132m.

Thèid togalaichean ùra far am bi na plèanaichean air an cumail an àirde, a thuilleadh air togalaichean airson obair-einnseannaireachd agus oifisean.

A thuilleadh air an sin, thèid corr is £400m a chosg air a' bhunstructair eile a tha a dhìth airson nam plèanaichean.

Tha dùil gum bi 400 luchd-obrach a bharrachd stèidhichte ann an Inbhir Losaidh ri linn nam plèanaichean ùra.