Luchd-smàlaidh aig falasgair ann am Bràgar

Chaidh einnseanan-smàlaidh a ghairm gu teine mòintich ann am Bràgar ann an Leòdhas anmoch oidhche Chiadain.

Bha an teine gu math faisg air taighean agus stoc le gaoith làidir ag adhbhrachadh dhuilgheadasan dhan luchd-smàlaidh.

Chuirear fios air an luchd-smàlaidh aig 10:07f às dèidh do dh'fhalasgair sgapadh ann am Bràgar bho Dheas.

Bha an teine a' tighinn faisg air an rathad a tha a' dol a-steach chun a' bhaile air taobh Shiaboist.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh na h-Alba gun robh an teine 500 meatair de dh'fhaid is gun deach trì carabadan a chur ann.

Leis gun robh a' ghaoth gu math làidir bha dragh ann mu thaighean is stoc, ach thàinig uisge trom agus fhuair an luchd-smàlaidh smachd air an teine an ceann dà uair de thìde.

Thuirt aon neach san sgìre gun robh an teine beagan shlatan air falbh bho aon dachaigh agus gun robh an ceò gu math tiugh tron bhaile.