Uibhistich nas draghaile mun ghartain

Gartan

Bha an àireamh dhaoine a chaidh dhan dotair ann an Uibhist an-uiridh, le dragh gun deach am bìdeadh le gartain suas, agus e gu math nas motha na ann an sgìrean eile.

Chaidh 45 duine dhan dotair ann an Uibhist co-cheangailte ri bìdeadh ghartain, an coimeas ri aon neach a-mhàin ann an Leòdhas.

Bha coinneamh phoblach ann an Uibhist oidhche Mhàirt airson bruidhinn mu thinneas Lyme, agus na gartain a bhios ga sgaoileadh.

Chaidh innse dhan choinneimh gun robh barrachd ghartan mun cuairt na aig an aon àm an-uiridh.

"Chaidh an àireamh suas an-uiridh de dhaoine a chaidh dhan dotair-teaghlaich le Erythema Migrans - sin am broth a tha daoine a' faicinn ma tha iad air am bìdeadh le gartan air a bheil am Borrelia," thuirt Iseabail NicAonghais, nurs a tha a' rannsachadh tinneas Lyme.

"Tha e math gu bheil daoine a' dol chun an dotair, o chionn 's gu bheil sin a' sealltainn gu bheil iad ga thogail suas tràth gu leòr 's gum faigh iad an antibiotic.

"Bha an àireamh de na daoine sin air a dhol suas airson an-uiridh, agus chaidh an àireamh sìos airson nan daoine a tha a' dol chun an dotair anmoch, a' faireachdainn caran coltach ris a' flù, no a' faireachdainn sgìth no goirt.

"Sin "taisbeanadh anmoch" a chanas iad ri sin. Tha an àireamh sin air a dhol sìos, so tha sin math.

"Tha sin a' ciallachadh gu bheil daoine ag aithneachadh gu bheil rudeigin orra a dh'fheumas iad a dhol chun an dotair air a shon.

"Tha sin gu math nas fheàrr, o chionn 's chan eil e a' dol a chur dragh orra cho fada ma gheibh iad an antibiotic cleabhair," thuirt i.