Nis aig barr an lìog an dèidh aon gheam

Pàirc an Rubha

Tha Nis aig barr Lìog Leòdhais agus na Hearadh an deidh dhan lìog tòiseachadh oidhche Haoine.

Rinn iad an gnothach air Aths 5-1. Fhuair Mìcheal Ruiseal Mac a' Ghobhainn trì de na tadhail sin.

Cha robh ach dà gheam ann, ghlèidh sgioba a' Bhac 2-1 an aghaidh United anns a' gheam eile.

Tha coltas gum bi geamaichean Mhalaig inntinneach am bliadhna.

An dèidh dhaibh buannachadh 11-2 air a' chiad deireadh sheachdain den t-seusan, chaill iad ri sgioba Shlèite & an t-Srath 7-3 Disathairne.

Mar sin tha 23 tadhail air a bhith anns an dà gheam aca chun a seo.

Bidh eagal air a' chorr de sgiobaidhean an lìog ro Chaol Acainn. 'S iad a bhuannaich Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse an-uiridh agus tha iad air an dà gheam aca a ghlèidheadh am bliadhna a' cur 12 tadhal agus gun gin a' chall.

Rinn iad an gnothach air sgioba a' Chaoil 7-0 Disathairne.

Sa gheam eile ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse bhuannaich Juniors Phort Rìgh 2-0 an aghaidh GA United.

Thòisich seusan Lìog Uibhist is Bharraigh le Southend a' faighinn trì puingean ann an Ceann a' Bhaigh an aghaidh Uibhist a Tuath.

Fhuair Eddie Fitzgibbon dhà de na tadhail do na deasaich.

Disathairne chaidh an dà sgioba a tha a' mhor-chuid an dùil a bhios a' farpais son na tiotal an aghaidh a' cheile.

'S iad Barraigh a fhuair na puingean air falbh bhon taigh, a' dèanamh a' chùis air Saints an Iochdar, 2-0.

Chrìochnaich an geam eile co-ionnan le dà thadhal an urra aig Èirisgeigh agus Beinn na Fadhla.