'S e balach a th' ann!

Cuilean Image copyright RZSS/Siân Addison
Image caption Rugadh an cuilean aig Pàirce Fiadh Bheatha na Gàidhealtachd san Dùbhlachd.

'S e mathan-bàn fireann a th' anns a' chiad chuilean de sheòrsa a rugadh am Breatainn ann an 25 bliadhna.

Rugadh an cuilean aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd san Dùbhlachd agus chaidh dearbhadh gur e fear a th' ann às deidh sgrùdadh meidigeach Diluain.

Tha luchd-obrach na pàirce a' cur ri chèile liosta de "dh' ainmean freagarrach" airson a' chuilein agus bidh cothrom aig a' phoball an t-ainm 's fheàrr leotha a thaghadh.

Thuirt Una Richardson a tha ag obair aig a' phàirce: "Tha e sgoinneal gun d' fhuair sinn a-mach gu bheil balach beag againn."

Image copyright RZSS/Siân Addison

"Feumaidh sinn a-niste ainm fhaighinn dha agus tha an fheadhainn a tha a' coimhead às a dhèidh a' cruthachadh liosta de dh'ainmean agus faighnichidh sinn dhan phoball a dh'aithghearr an t-ainm 's fhearr leotha a thaghadh air na meadhanan sòisealta.

Uile gu lèir tha a-niste ceithir mathain-bhàn aig a' phàirce faisg air Ceann na Creige.

A thuilleadh air a' chuilean tha a phàrantan Victoria agus Arktos agus mathan fireann eile air a bheil Walker.

Tha dùil gum bi an cuilean a' fuireach le mhàthair airson co-dhiù dà bhliadhna.