Na Lìogaichean ionadail air fad a’ dol

Air fhoillseachadh

Thèid na ciad geamaichean den bhliadhna a' chluich ann an lìog Uibhist is Bharraigh thar na deireadh sheachdain.

Tòisichidh an lìog le Uibhist a Tuath a' cur fàilte, de sheòrsa, air Southend oidhche haoine.

Tha dùil gur e seusain doirbh a tha air thòiseach air Uibhist a Tuath is an cluicheadair as fhearr aca Kè Dòmhnallach air a' ghoirteachadh.

Rinn Southend adhartas mhath an-uiridh, agus bidh iad an dochas ceann a' mhaide a' chumail ri Barraigh agus Saints an Iochdar a' bhuannaich an lìog ann an 2017.

Bidh an da sgioba sin a' coinneachadh Disathairne aig 1f ann an Uibhist agus sa gheam eile thèid Eirisgeidh an aghaidh Beinn na Fadhla aig 4f.

Lìog Leòdhas agus na Hearadh

Tha geamaichean cuideachd ann an lìog Leòdhais agus na Hearadh oidhche haoine.

Bhuannaich Aths agus Nìs le cheile ann an Cupa ABC oidhche luain agus tha iad a' cluich aig pàirce Cnoc nan Gobhar.

Chan eil ann ach aon gheam eile is nàbaidhean Aths, United dol a' chèilidh air sgioba a' Bhac.

Lìog an Eilean Sgitheanaich is Loch Aillse

An deidh dhaibh tighinn dhan lìog le brag, tha sgioba Mhalaig, a' cluiche Slèite agus an t-Srath aig an taigh ann an lìog an Eilean sgitheanaich is Loch Aillse aig leth-uair an deidh dhà.

Tha coir gum bith an geam sin tòrr nas duilghe na bha a' chiad geam aca san lìog an aghaidh a' Chaoil an t-seachdain sa chaidh. Bhuannaich iad sin 11-2.

Bidh dùil ri sradagan ann an dearbaidh na drochaid is Caol Acainn a' siubhail a' chluich an aghaidh a' Chaoil aig 6f.

Chan eil ach aon gheam eile anns an fharpais sin, cuideachd aig a 6f Disathairne. Bidh Juniors Phòrt Righ a' cuir fàilte air GA United.