Am Posta Rìoghail a' beachdachadh air làrach ùr an Inbhir Nis

Air fhoillseachadh

Tha am Posta Rìoghail a' coimhead air ionad a' phuist agus an oifis lìbhrigidh aca ann an Inbhir Nis a ghluasad gu làraich ùir ann an raon gnìomhachais an Longman.

Thuirt am Posta Rìoghail gu bheil mar a tha barrachd is barrachd thaighean ùra gan togail ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd na phàirt den adhbhar a thug orra beachdachadh air gluasad gu làraich nas motha.

Tha ceannardan ag ràdh gum biodh na bhios aca de rùm anns an ionad ùr air Seafield Road a' dùblachadh na th' aca an-dràsta aig Barraid na Rèile agus Lèana Strothers.

Thuirt iad gu bheil iad air còmhraidhean a thòiseachadh le aonadh an CWU agus leis an luchd-obrach mu na h-atharrachaidhean.

Thuirt Comhairle na h-Alba airson Leasachaidh agus Gnìomhachais gun robh iad a' cur fàilte air an naidheachd.

Tha am Posta Rìoghail ag ràdh ma ghluaiseas iad, nach bi buaidh sam bith aig a' chùis air mar a bhios daoine a' faighinn an cuid litrichean is eile tron phost.