Ionmhas chomhairlean "èiginneach"

Airgead Image copyright PA

Tha suidheachadh ionmhais nan ùghdarrasan ionadail an Alba air ìre èiginneach a ruighinn, am beachd Choimisein nan Cunntasan.

Ann an aithisg a dh'fhoillsich iad madainn Diardaoin, thàinig lùghdachadh faisg air 10% air an airgead a th' aca ri chosg.

Aig a' cheart àm ge-tà, tha barrachd agus barrachd dhaoine feumach air seirbheisean nan comhairlean, agus an àireamh de sheann daoine ag èirigh.

Tha ceannard buidseat Chomhairle na Gàidhealtachd, Alasdair MacFhionghain, ag ràdh gu bheil an aithisg a' dèanamh soilleir nach eil a' Chomhairle a' faotainn na suim airgid air a bheil iad airidh.

"Tha an t-airgead a tha sinne a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba a' dol sìos gach bliadhna, agus mar a thuirt mi iomadach uair, bha ochd bliadhna ann nach robh cìsean comhearsnachd a dol suas," thuirt e.

"Tha sinn aig àireimh an-dràsta, chan eil sinn a' faighinn gu leòr airgid airson na seirbheisean againn a thoirt seachad.

"Agus mar sin tha sinne mar chomhairle gu bhith nas coimearsalta na bha sinn, agus feumaidh sinn coimhead air dè tha sinn a' dèanamh leis na seirbheisean,

"Feumaidh sinn mar chomhairle a bhith a' coimhead airson airgid.

"Tha na togalaichean againn ann an staid uabhasach.

"Tha còrr air 80 sgoil air am feum sinn obair mhòr a dhèanamh, 's feumaidh sinn sgoiltean ùra a thogail cuideachd.

"'S ann an sin a dh'fheumas sinn airgead a bharrachd fhaighinn airson na seirbheisean a thoirt seachad.

"Feumaidh sinn a bhith ag obair còmhla ri Cosla, airson a bhith às dèidh Riaghaltas na h-Alba airson gum bi maoineachadh ioma-bhliadhnail againn.

"Tha sinne a' faighinn an airgid, agus tha e a' tighinn gach bliadhna, agus chan eil seo math airson a bhith ag obair le seirbheisean ri thoirt seachad," thuirt e.