Iomairt mhadaidhean-allaidh a' leantainn

Madadh-allaidh Image copyright Getty Images

Thuirt an t-uachdaran agus am fear-glèidhteachais, Pòl Lister, gun cum e air a' coiteachadh gus cead fhaighinn tèarmann do mhadaidhean-allaidh a stèidheachadh air Ghàidhealtachd, ged a tha Riaghaltas na h-Alba an aghaidh a' phlana.

Tha Mgr Lister airson tèarmann de 50,000 acair a stèidheadhadh an Cataibh airson madaidhean-allaidh.

Chuireadh e feansa trì meataran de dh'àirde timcheall air.

Chan eil fada bho dh'iarr e co-chomhairle airson argamaid a dhèanamh gus seo a leigeil air adhart.

Tha e ag ràdh nach eil e airson madaidhean-allaidh a stèidheachadh an Alba às ùr, ach nam biodh feadhainn air an talamh aige-san no am baideigin eile air a' Ghàidhealtachd, tha e ag ràdh gum biodh e math airson turasachd agus airson àireamhan fhiadh a chumail sìos.

Tha am BPA airson an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach, Ceit Fhoirbeis, air draghan a thogail mu na planaichean aig Mgr Lister, is i ag ràdh nach eil e air bruidhinn ri muinntir an àite mun deidhinn.