Brexit - Cothrom no Cogadh?

Port na h-Abhainne

Le nas lugha na bliadhna ri dhol a-nis mus fhàg Breatainn an EU tha pailteas de bheachdan ann fhathast. Bhruidhinn cuid air cothroman agus cuid eile air cogadh.

Thug an t-iasgair Seumas MacPhàrlain à Ìle iomradh air cogadh nan iasgairean Eòrpach a bha ag iarraidh nan còirichean aca air uisgeachan Bhreatainn a chumail às dèidh Bhrexit.

Na bheachdsan cha bhi iad deònach an cothrom air iasgach an seo a leigeil seachad.

Tha iasgairean a bhios a' dol às dèidh èisg ghil airson sin a sheachnadh gu dearbha.

Bha iad gu math mì-thoilichte dar a chaidh aontachadh gun lean Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich, an CFP, air san Rìoghachd Aonaichte tron ùine eadar-amail às dèidh Bhrexit.

Chìthear Èirinn a Tuath bho chuid de dh'àiteachan an Ìle, leithid Phort na h-Abhainne.

Gheall am Prìomhaire, Theresa May, nach biodh crìoch chusbain ann an Sruth na Maoile agus nach biodh crìoch chruaidh am Poblachd na h-Èireann a bharrachd.

Tha an Riaghaltas ann an Westminster ag ràdh gun cuirear teicneòlas an sàs gus sin a thoirt gu buil.

Ach chan fhacas an teicneòlas sin fhathast agus cuid den bheachd nach eil e idir ann.

Malairt

Thuirt am Brig. Iain MacPhàrlain à Taigh an Uillt, a bha uair stèidhichte an Uladh, gu bheil e draghail gun tòisicheadh sabaid às ùr an Èirinn ma dhùineas a' chrìoch.

B' e an aon dòigh eile gus sin a sheachnadh an Rìoghachd Aonaichte air fad a chumail ann an Aonadh a' Chusbain.

Chan eil Theresa May ag iarraidh sin idir ge-tà, o chionn 's gum biodh bacadh air Breatainn bho a bhith a' dèanamh aontaidhean malairt le dùthchanan eile.

Sin far a bheil Bill Innes, a tha a' fuireach an Glaschu, a' faicinn a' chothruim.

Tha cuid eile den bheachd nach eil dad a' cur bacadh air luchd-gnothachais an-dràsta bho bhith a' dèanamh malairt agus leithid na Gearmailt a' cur barrachd bhathair gu dùthchanan mar na h-Ìnnseachan agus Afraga a Deas, dùthchanan a' Cho-Fhlàitheis, is a tha Breatainn.

Tha Bill Innes den bheachd gur e an dleastanas aig NATO sìth a chumail san Roinn Eòrpa.

Ach dh'innis Ministear Bhrexit na h-Alba, Mìcheal Ruiseal, a tha cuideachd na Bhall-Pàrlamaid Albannach an Earra-Ghàidheal is Bòd, dhomh mar a chaidh athair a leòn san Dàrna Cogadh.

Fhuair e peilear sa ghlùin.

Tha Mgr Ruiseal den bheachd gun do chuir an t-Aonadh Eòrpach gu mòr ri sìth san sgìre.

Dh'fhaodte gu bheil sin am measg nan adhbharan cuideachd gu bheil muinntir na Gearmailt sa mhòr-chuid a' cur taic ris an EU agus iad duilich gu bheil Breatainn a' fàgail.

Dar a chaidh mise dhan sgoil ann am Berlin bhruidhinn sinn mun Dàrna Cogadh trì tursan ann an diofar bhliadhnaichean sgoile.

Fògarraich

Ach tha pàrtaidh ùr an sin, an AfD no Alternative für Deutschland, a fhuair 12.6% de na bhòtaichean aig taghadh coitcheann an-uiridh.

Tha iad a' cur teagamh làidir san Aonadh Eòrpach agus iad an aghaidh mar a thug a' Ghearmailt dachaigh ùr do dh'fhògarraich Shirianach.

Ann am beachd Nèill Mhitchison, a bha roimhe a' riochdachadh a' Choimisein Eòrpaich an Alba, tha an AfD a' nochdadh bheachdan a tha gu math coltach ri beachdan a nochd le muinntir Bhrexit.

Tha e den bheachd gu bheil cunnart ann ma thig buidhnean le beachdan de a leithid ro fhaisg air a' chèile.

Ach tha Bill Innes a' smaointinn gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air gluasad dhan taobh chlì agus UKIP cha mhòr air a dhol à bith.

Image caption Tha cuid de chroitearan teagmhach am bi àiteachan iomallach air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan fhathast nam prìomhachas do Riaghaltas Bhreatainn mar a bha dhan Aonadh Eòrpach.

Tha cuid eile, leithid a' chroiteir Alasdair MacAonghais ann an Tiriodh, a' faicinn cothruim ann am Brexit gus poileasaidh àiteachais nas fheàrr a dhealbhachadh.

Tha e a' toirt iomradh air mar a gheibh cuid de luchd-àiteachais airgead gun dad a dhèanamh leis an fhearann aca.

Tha e cuideachd den bheachd gum bi barrachd airgid a' dol mun cuairt is an dùthaich a' sàbhaladh suime mòire a thathas a' cur dhan Bhruiseal an-dràsta.

Ach tha Rhoda Meek, a tha na croitear ùr dìreach dà mhìle shuas an rathad, teagmhach am bi àiteachan iomallach air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan fhathast nam prìomhachas do Riaghaltas Bhreatainn mar a bha dhan Aonadh Eòrpach.

Cuota

Chan eil mòran nach aontaicheadh nach bu chòir èisg a chaidh a ghlacadh a thilgeil air ais dhan mhuir is iad marbh.

Dh'fhaodte gur e samhla a th' ann air poileasaidh an Aonaidh Eòrpaich a th' air a dhol ceàrr.

Tha an CFP a' toirt air iasgairean iasg a thilgeil air ais dhan mhuir mura h-eil iad mar phàirt de chuota a' bhàta.

Ach tha planaichean ann gus am poileasaidh sin atharrachadh agus uile gu lèir tha stoc an èisg nas fhalaine an-diugh na bha e ron CFP.

Thuirt iasgairean san Òban rium gu bheil iad a' dèanamh deagh chosnaidh.

Image caption Thuirt iasgairean san Òban gu bheil iad a' dèanamh deagh chosnaidh.

Ach tha iasgairean clèibh gu tric an aghaidh Bhrexit.

Bidh iadsan a' rèic mòran de na ghlacas iad ri Tìr-Mòr na Roinn Eòrpa agus chan eil iad airson is gun tèid cìsean a chur orra.

Aig ionad rannsachaidh mara faisg air an Òban dh'innis tè-saidheans Fhrangach, an Dr. Claire Gachon, dhomh carson a tha ise diombach mu Bhrexit.

Chan e a-mhàin gu bheil ise gu pearsanta a' faireachdainn nach eil fàilte roimhpe tuilleadh an seo.

Tha i cuideachd ag ràdh gu bheil an obair aicese a' crochadh gu mòr air airgead às a' Bhruiseil.

Ma thèid stad a chur air saorsa gluasaid tha dragh oirre nach bi luchd-obrach leis na sgilean ceart ri fhaotainn tuilleadh.

Dh'fhaodadh dìth luchd-obrach cuideachd a bhith na dhuilgheadas sna taighean-òsta agus san t-seirbheis slàinte, gu sònraichte sna sgìrean dùthchail leithid Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Neo-thaobhach

Thuirt Daniel Maxwell, fear-deasachaidh phrògraman poileataigeach a' BhBC an Alba, nach urrainnear a bhith cinnteach am bi muinntir na Rìoghachd Aonaichte nas fheàrr no nas miosa dheth an ceann 10 bliadhna.

Lean e air, ag ràdh gu bheil seo a' fàgail gum feum am BBC a bhith neo-thaobhach san deasbad seo.

Bha bus dearg aig Vote Leave a' cumail a-mach gum biodh £350m san t-seachdain ri shàbhaladh nam fàgadh Breatainn an EU.

Chunnacas bus dearg eile bho chionn ghoirid le teachdaireachd gun cosgadh Brexit £2,000m san t-seachdain do dh'eaconomaidh na dùthcha.

Tha muinntir a' bhus ag ràdh gun tàinig an àireamh seo bho aithisg dhìomhair à Whitehall a chaidh a leigeil mu sgaoil.

Chan eil Murchadh Caimbeul, a tha a' fuireach an Inbhir Nis, a' creidsinn nan àireamhan sin.

Image caption Chunnacas bus dearg eile bho chionn ghoirid le teachdaireachd gun cosgadh Brexit £2,000m san t-seachdain do dh'eaconomaidh na dùthcha.

Tha e do-dhèante fios a bhith agamsa am bi an Rìoghachd Aonaichte nas fheàrr no nas miosa dheth san àm ri teachd.

Theirinnsa nach robh fios aig a' mhòr-shluagh am Breatainn a bharrachd.

Le sin dh'fhaodte gur e faireachdainn no cultar is feallsanachd barrachd na cèistean eaconomach a thug air daoine bhòtadh airson Brexit.

Thuirt an Comh. Alasdair Redman à Ìle rium gu bheil e a' faireachdainn nas dlùithe ri muinntir Astràilia na tha e ri muinntir na Frainge.

Ach aig a' cheart àm bha an dà chuid Theresa May agus Rùnaire nan Dùthchanan Cèin, Boris Johnson, a' gairm air na caraidean aca san EU dar a bha iad ann an staing leis an Rùis às dèidh na h-ionnsaigh air seann fhear-brathaidh Ruiseannach ann an Salisbury.

Mar fhreagairt chuir mòran dùthchanan Eòrpach luchd-dioplomasach Ruiseannach dhachaigh agus chualas daoine a' bruidhinn air cogadh fuar a-rithist.

Saoil, an seasadh iad gualainn ri gualainn mar sin ri Breatainn san àm ri teachd?

Tuilleadh air an sgeulachd seo