Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Giblean 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aiseagan Uibhist

Tha comhairlichean agus luchd-gnothaich ann an Uibhist air àrd-choinneimh iarraidh mu na seirbheisean aiseig. Sgrìobh iad gu riochdairean pàrlamaid nan Eilean Siar agus iad mì-thoilichte gun deach an MV Hebrides a thoirt air falbh agus gun deach bàta nas lugha, an MV Hebridean Isles, na h-àite air slighe Loch nam Madadh air an deireadh-sheachdain, aig toiseach saor-làithean agus aig àm fìor-thrang le luchd-turais. Thuirt Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, gu bheil esan air bruidhinn ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn, agus ri Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, mun chùis. Agus tha an aimsir an-diugh cuideachd a' fàgail tuilleadh troimhe-chèile air na seirbheisean sin eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.

Sìona

Chuir Sìona cìsean air còrr is 120 stuth às na Stàitean Aonaichte an dèidh do dh'Aimeireaga cìsean bathair a chur air stàilinn à Sìona. Tha a h-uile coltas ann nach dèan sin feum sam bith dhan chàirdeas eadar an dà eaconomaidh as motha air an t-saoghal. Tha na cìsean Sìonach gu bhith a' toirt buaidh air toradh àiteachais às na Stàitean Aonaichte, mar feòil muice, measan, cnothan agus fìon.

Cùiltearachd Dhaoine

Thèid còrr is £3m eile de thaic a thoirt do dhà bhuidhinn Albannach a tha a' cuideachadh dhaoine a chaidh a chùiltearachd a-steach dhan dùthaich gu mì-laghail. Agus tha riaghailtean ùra a' tighinn gu bith a tha a' ciallachadh gu bheil an ùine thairis air am feum Riaghaltas na h-Alba taic oifigeil a thoirt dhan leithid a' dùblachadh gu 90 là. Gheibh dà bhuidhinn, Migrant Help agus Traffic Awareness Raising Alliance, an t-airgead a bharrachd thairis air trì bliadhna.

Ospadal Phort Rìgh

Tha luchd-iomairt na slàinte ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a' gearain gun robh seirbheis mheidigeach taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach aig Ospadal Phort Rìgh dùinte a-rithist airson ùine air an deireadh-sheachdain eadar 8:00f oidhche Shathairne agus 10:00m an-dè. Tha iad ag ràdh nach tug NHS na Gàidhealtachd adhbhar sam bith seachad an turas seo airson an t-ionad a dhùnadh air deireadh-sheachdain fìor thrang le luchd-turais.

An M62

Chaidh dithis dhaoine a mharbhadh air rathad an M62 faisg air Huddersfield an dèidh dhan chàr aca bualadh ann an càr eile a bh' air taobh ceàrr an rathaid. Tha duine a tha 22 bhliadhna de dh'aois an grèim fo amharas gun robh e a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.