Farpais Phìoba Dhòmhnaill MhicLeòid sàbhailte

Steornabhagh

Tha farpais phìobaireachd a tha gu math cliùiteach sàbhailte ann an Steòrnabhagh thar na bliadhnaichean a th' air thoiseach.

Tha tabhartas airgid bhliadhnail air tighinn bho thuath-gaoithe coimhearsnachd Bheinn Ghrìdeag, a tha Urras an Rubha agus Sanndabhaig a'ruith.

Gheibh Farpais Cuimhneachaidh Dhòmhnaill MhicLeòid còig mìle not sa bhliadhna gu 2023.

Bha cunnart ann gu faodadh cion ionmhais a bhith a' ciallachadh gu feumaiste an fharpais a ghluasad gu tìr mòr.

Tha an fharpais fhèin cosgail a ruith a chionn 's gu bheil Comann Phìobaireachd Leòdhais agus na Hearadh, a tha ga cuir air dòigh, a' pàigheadh nam faraidhean adhair agus àiteachan fuirich nam farpaisich a thuilleadh air dha na britheamhan.

'S ann mar chuimhneachan air am Màidsear Pìoba Dòmhnall MacLeòid à Steòrnabhagh fhèin a tha an fharpais, agus tha na pìobairean as fheàrr bho air feadh an t-saoghail a' faighinn cuireadh chun na farpais.

Tha farpais na bliadhna sa ann Dihaoine 6mh den Ghiblean ann an taigh-òsta a' Chaladh ann an Steòrnabhagh.