Chan eil Bile nan Eilean fhathast a' coilionadh miann nan eileanach

Eileanan ri teachd

Chan eil Bile nan Eilean fhathast a'coilionadh na mhiannaicheadh ùghdarrasan eileanach na h-Alba.

Ràinig am bile an dàrna ìre ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Tha na h-ùghdarrasan ionadail ag ràdh gu bheil ag iarraidh gum biodh òrdugh sa bhile a bhiodh a' ciallachadh gu faodadh na h-eileanan tagradh an aghaidh co-dhùnadh riaghaltais neo buidhean eile.

Bhiodh seo a thaobh co-dhùnaidhean a chaidh a ghabhail gun tomhais a dhèanamh air a bhuaidh a bheireadh laghan neo molaidhean ùra air na h-eileanan.

Thug Ministear nan Eilean, Humza Yousaf seachad gealltanas gum bi sin anns a' bhile aig an treas ìre.