Beachdaichidh SSE air Bealach na Bà fhàgail fosgailte thairis air àm na Càisge

Bealach na Bà Image copyright Stuart Logan/Geograph

Dh' aontaich a' chompanaidh SSE coimhead às ùr air na planaichean a th' aca gus rathad Bhealach na Bà a dhùnadh.

Tha dragh air an t-sluagh mun bhuaidh a bheir a' chùis air a' Chomraich agus an eaconomaidh ionadail gu mòr an eisimeil turasachd.

Nochd mu 70 aig coinneamh air a' Chomraich Diardaoin agus dragh orra mun t-suidheachadh.

Tha SSE Enterprise Telecoms an dùil càballan fibre optic a chur an-sàs airson ionad dheuchainnean Ministreachd an Dìon faisg air làimh.

Fo na planaichean a bh' aig SSE, bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh an rathad, a tha aithnichte mar sgìre air leth brèagha, dùinte fad sia seachdainnean.

Tha an rathad cuideachd mar phàirt de shlighe an NC500.

As dèidh na coinneimh Diardaoin, dh' aontaich SSE gun coimheadadh iad air na planaichean atharrachadh agus gu faodadh gun deadh an obair a dhèanamh tron oidhche san Òg-mhìos.