Ionad Gàidhlig Onthank a' dùnadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ionad Gàidhlig Onthank a' dùnadh

28 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dhùin an t-ionad Gàidhlig aig Bun-sgoil Onthank ann an Cille Mheàrnaig Dimàirt còrr is 20 bliadhna às dèidh dha fosgladh.

Gluaisidh sgoilearan agus luchd-obrach an ionaid gu sgoil ùir - Sgoil a' Choille Nuaidh - às dèidh saor laithean na Càisge.

Tha an sgoil seo gu bhith stèidhichte air Campas ùr Uilleim McIlvanney far am bi dà sgoil eile cuideachd.