Cha tig casg air àireamh thacsaidhean Inbhir Nis

Tha comhairlichean Gàidhealach air aontachadh gun casg a chur air na tha de thacsaidhean ann an Inbhir Nis, a dh'aindeoin gearainean bho dhràibhearan.

Thuirt iad, às dèidh dhaibh comhairle laghail fhaighinn, gun cosgadh e cus agus nach biodh e gu maith a' phobaill casg a chur air an àireamh dhiubh.

Thuirt Anndra Dòmhnallach, bho Chaidreachas Dràibhearan-tacsaidh Inbhir Nis, ge-tà gu bheil e cha mhòr do-dhèante do dhraibhearan bith-beò a dhèanamh leis na tha de thacsaidhean anns a' bhaile.

Thuirt e gun do rinn a' Chomhairle a' chùis nas miosa le bhith ag àrdachadh nam faraidhean aca, ged a bha na dràibhearan fhèin air cur an aghaidh sin.