Buill ùra air Urras Steòrnabhaigh

Caisteal Leòdhais
Image caption Tha còignear bhall ùra air Urras Steòrnabhaigh

Chaidh còignear urrasairean ùra a thaghadh airson Urras Steòrnabhaigh.

'S iad sin Murchadh Caimbeul, Tormod MacÌomhair, Dòmhnall MacLeòid, Catriona Mhoireach agus Dòmhnall MacNeacail.

'S i Catriona Mhoireach a bu mhotha a fhuair de bhòtaichean le 1849 duine a' cur taic rithe-se.

'S i an aon bhoireannach a bhios air an urras.

Dualchas an eilein

Tha na buill ùra uile a' moladh dìon a chur air dualchas an eilein.

Thuirt Catriona Mhoireach nach ann a-mhàin mun t-Sàbaid a tha sin.

"Chan e a-mhàin ceist mu Là na Sàbaid a tha sin ach ceist mu gun a bhith a' dèanamh tàire air an àite 's air a' chultar 's air na daoine - 's tha mi a' faireachdainn gu bheil fada cus den chòmhradh sin air a bhith dol."

"Tha spèis agam-sa dhan àite 's dhan chultar agus bha mi a' faireachdainn cho làidir mu dheidhinn sin agus gu robh mi a' faireachdainn nuair a thàinig seo an àirde, uill, chan urrainn dhut a bhith a' gearain mura dèan thu fhèin rudeigin mu dheidhinn sa chiad àite."

Thuirt Murchadh Caimbeul gur ann a tha esan a' faicinn dòigh-beatha an eilein, agus glèidheadh na Sàbaid, ach rud a tha na tharraing do luchd-turais.

"Ged a tha feadhainn a' feuchainn ri atharrachadh a' chultair againn, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' toirt daoine suas dhan eilean airson 's gu bheil an cultar againn diofraichte bho àitichean air tìr-mòr".

Eaconomaidh

Thuirt Siamarlan an urrais, Iain MacÌomhair, gum feumar gluasad anns an aithghearrachd airson piseach a thoirt air eaconomaidh an eilein.

Thog e air gàrradh Àranais, a tha dùinte an-dràsta, is ceist mhòr ann mu na tha an dàn dha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile