Dithis marbh an dèidh do chàr tuiteam gu loch

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, PETER JOLLY NORTHPIX
Fo-thiotal an deilbh,
Thachair an tubaist feasgar Diluain.

Chaill fireannach, a bha 44, agus boireannach bha 48, am beatha nuair a thuit càr còrr is 100 troigh far an rathaid gu ruige loch air taobh siar Rois Diluain.

Cha robh anns an tubaist ach an aon chàr.

Dh' ainmich na Poilis an dithis a bhàsaich mar Ros MacCriomain (air an robh cuideachd Coinneach MacCriomain) agus Rose Bassett.

Tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic an càr, Honda Civic dearg, faisg air Àird Easaidh ri taobh Loch Bhraoin Bhig, mu 3:45f.

Tha saor-thoilich nam Maor-Cladaich à Geàrrloch agus Ulapul a' cuideachadh leis an rannsachadh.

Bha an rathad dùinte airson mu shia uairean de thìde an dèidh na tubaiste, ach tha e a-niste air fosgladh a-rithist.

Tha rannsachadh a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo