Sgadan a' tilleadh dhan chosta an iar?

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Getty Images

Chaidh an t-uabhas de dh'uighean sgadain a lorg air grunnd na mara timcheall air Geàrrloch.

Tha seo air dòchas adhbhrachadh gu bheil piseach a' tighinn air suidheachadh èisg a bha uaireigin fìor chudromach.

Bha iasgach an sgadain a' dol ann an Geàrrloch fad linntean, ach sguir e anns na 1960an is na 1970an, is an stoc air crìonadh gu mòr às dèidh na bh' ann de dh'iasgach.

Ach tha dàibhearan a-nise air trì cilemeatairean ceàrnagach anns a bheil an t-uabhas de dh'uighean sgadain a lorg air grunnd na mara faisg air Geàrrloch.

Tha iad air sampall a chur gu luchd-saidheans feuch beachd fhaighinn mu carson a tha an sgadan air tilleadh.

Tha iasgairean an dòchas gu bheil seo a' ciallachadh gu bheil an stoc ag ath-bheòthachadh, is gum faodadh gnìomhachas air an robh tòrr choimhearsnachdan stèidhichte tilleadh às ùr.