Moladh mòr air Àsgairnis

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Hugh Venables / Geograph

Chaidh moladh mòr a dhèanamh air Raon Ghoilf Àsgairnis ann an Uibhist a Deas is e air ainmeachadh mar an dàrna raon machaire as fheàrr anns an Rìoghachd Aonaichte.

'S e a' bhuidheann Golf Empire - a bhios a' dèanamh sgrùdaidh air gach raon ghoilf ann am Breatainn - a rinn an liosta.

'S e "Beyond Brilliance" na facail a chleachd iad mu Àsgairnis nuair a thadhail iad air bho thùs.

Thathas a' cumail a-mach gur e Seann Tom Morris a dhealbh an raon bho thùs fhad 's a bha e a' tadhal air Uibhist a Deas ann an 1891.

Chaidh an raon bhuaithe gu mòr thairis air na bliadhnaichean.

Thòisich obair gus a chur air dòigh às ùr ann an 2005, is chaidh Àsgairnis fhosgladh às ùr mar raon le 18 tuill ann an 2008.

Fàs

Tha e air soirbheachadh gu math bhon uairsin.

Tha an cluba an dòchas gun dèan seo feum dhaibh cuideachd.

"Tha e doirbh faighinn a-mach an seo is tha sin, tha mi a' creidsinn, a' cur dheth gu leòr", thuirt Dòmhnall MacAonghais bho Chluba Ghoilf Àsgairnis.

"Ach bidh feadhainn a tha airson rudeigin diofraichte a dhèanamh, mar a chanas iad 'bucket list', is thig iadsan air ais is tha iad ag innse dha na caraidean aca.

"Thig iadsan an uairsin trup no dhà.

"Seo an deicheamh bliadhna againn is tha feadhainn ann a tha a' tilleadh bliadhna às dèidh bliadhna", thuirt e.

Timcheall a’ BhBC

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh