Cùis an tairbh na "cosg ùine gun chiall"

Air fhoillseachadh

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh gur e cosg ùine gun chiall a th' ann an cùis-lagha mu tharbh a leum feansa agus a dh'fhàg bò le cuideigin eile le laogh.

Tha Dàibhidh Hargreaves a' dol às àicheadh chasaidean bho Kathleen agus Bernard Allen - a bha nan nàbaidhean dha - gun do chaill iad còrr is £20,000 ri linn crodh Mhgr Hargreaves a' dol an lùib a' chruidh phedigree Ghàidhealaich aca ann am Beàrnaraigh Leòdhais.

Tha an teaghlach Allen ag ràdh gun robh an tabh aig Mgr Hargreaves tric is minic air an fhearann aca

Dh'aidich Mgr Hargreaves sa chùirt gun robh e glè choltach gur e an tarbh aigesan a dh'fhàg a' bhò le laogh.

Thuirt e ge-tà, gur e caitheamh ùine gun chiall a tha anns a' chùis-lagha, is gum faodadh an gnothach a bhith air a sheachnadh nam biodh na nàbaidhean air bruidhinn ri chèile.

Thuirt Mgr Hargreaves cuideachd nach robh e an urra ris-san an fheansa eadar na nàbaidhean a chumail aig ìre, ach an teaghlach Allen.

Tha a' chùis a' leantainn Dihaoine leis na h-argamaidean mu dheireadh aig an luchd-lagha.