Bacadh fearainn ga mholadh

Air fhoillseachadh

'S e bacadh a chur air na th' ann de thalamh a dh' fhaodas a bhith fo shealbh aon neach a-mhàin fear de ghrunn mholaidhean a tha gan cur air adhart san deasbad mu ath-leasachadh an fhearainn ann an Alba.

Tha am beachd a' nochdadh ann am pàipear ùr bho Chomisean Fearann na h-Alba, a' bhuidheann phoblach a chaidh a stèidhicheadh ann an 2016.

'S e Peadar Peacock, a bha roimhe na mhinistear ann an Riaghaltas na h-Alba, a sgrìobh am pàipear, a tha cuideachd a' coimhead air grunn rudan eile gus leasachadh a thoirt air suidheachadh far a bheil an dàrna leth de dh' fhearann prìobhaideach na dùthcha fo shealbh àireamh glè bheag de dhaoine.

Thuirt Mgr Peacock gu bheil oighreachdan mòra a' fàgail nach urrainn ach glè bheag de dhaoine a dhol an sàs ann am margaidh an fhearainn agus nach eil sin chum maith a' phobaill.

'S e aon dòigh seo a leasachadh, tha e ag ràdh, bacadh a chur air na th' ann de thalamh a dh' fhaodas a bhith fo shealbh aon neach.

A bharrachd air sin, tha e a' moladh chìsean ùra airson sealbh fearainn nas cothromaiche.

Còmhnaidh

Tha Mgr Peacock cuideachd ag ràdh gum feum croitearan a bhith a' fuireach air an cuid talmhainn agus, mar sin, carson nach fheum uachdarain.

Tha e ag ràdh gur e miann poileataigeach a tha dhìth airson na molaidhean a chur an gnìomh.

Aig an aon àm, thuirt cathraiche Choimisean Fearann na h-Alba gu bheil na làithean far am faod uachdaran rud sam bith a dhèanamh len cuid talmhain - gun a bhith a' bruidhinn ris a' phoball - a' tighinn gu crìch.

A' bruidhinn aig coinneimh phoblaich ann an Steòrnabhagh oidhche Ardaoin, thuirt Anndra Thin gu bheil iad a' beachdachadh air còd ùr a chur an gnìomh do dh' uachdarain a thaobh cleachdadh an fhearainn.

Thuirt e gur e "fìor mhì-modh" a th' ann do neach atharrachaidhean a dhèanamh air an cuid talmhainn a bheir buaidh air daoine eile, gun a bhith a' bruidhinn riutha an toiseach.

Dh'innis Mgr Thin gun tig stiùir bho Riaghaltas na h-Alba mun chùis cuideachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh