Mòd ann am Peairt an 2021

Còisir

Chaidh a dhearbhadh gur ann ann am Peairt a bhios am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2021.

Bha fios gum biodh am Mòd a' tilleadh dhan bhaile sin, agus a Phàislig, ach cha robh fios dè an t-òrdugh anns am biodh siud a' tachairt.

Dhearbh an Comunn Gàidhealach gur ann a Pheairt a thèid am Mòd an toiseach.

Agus bidh an fhèis a' tilleadh a Phàislig air an ath-bhliadhna às dèidh sin, ann an 2022.