Binn phrìosain 'son ionnsaighean air a' Ghàidhealtachd

High Court
Image caption Àrd-Chùirt Dhùn Èideann

Chaidh fìrinneach a thug ionnsaighean feise air dithis nighean agus balach air a' Ghàidhealtachd a chur dhan phrìosan fad ochd bliadhna san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann.

Thug Raibeart Shepherd, à Baile a' Mhuilinn ann an Ros an Ear, ionnsaighean orra bho chionn 30 bliadhna.

Chaidh fhaighinn ciontach roimhe air trì chasaidean de bhith ga ghiùlain fhèin ann an dòigh mhì-iomchaidh agus de chasaid a bharrachd de dh'oidhirp air èigneachadh.

Thachair na h-ionnsaighean eadar 1979 agus 1983 nuair a dh'fheuch e ri nighean èigneachadh agus ionnsaigh dhrabasta a thoirt air nighean eile agus balach nach robh ach còig bliadhna de dh'aois nuair a thòisich na h-ionnsaighean.

A' toirt binn prìosain de dh'ochd bliadhna seachad san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann, thuirt am Britheamh, am Morair Armstrong, gun robh na h-eucoirean buaireach agus cealgach.

Chaidh a chur air clàr nan eucoirean drabasta.

Tha Raibeart Shepherd a' dol às àicheadh nan casaidean.