Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Cardanal Keith O'Brien

Tha seann cheannard na h-Eaglaise Caitligich an Alba, an Cardanal Keith O'Brien, air bàsachadh. Dh'fhàg e a dhreuchd air sgàth mì-ghiùlain feise, ann an 2013. Bha e 80 bliadhna de dh'aois, agus bhàsaich e às dèidh dha tuiteam.

Banachdach Shealtainn

Thèid banachdach ùr a thoirt dha faisg air 300 leanabh agus inbheach ann an Sealtainn. Tha seo às dèidh dha thighinn a-mach gun deach banachdach a stòradh aig an teothachd cheàrr aig ionad slàinte ann an Lèaruig. Tha banachdaichean airson Polio agus Hepatitis B am measg an fheadhainn a chaidh a stòradh ceàrr. Thuirt NHS Shealtainn gu bheil iad duilich.

Cille Rìmhinn

Tha heileacoptair leis na Poilis an sàs ann an iomairt gus lorg fhaighinn air oileanach bho Oilthigh Chille Rìmhinn. Chunnacas Donnchadh Sim, às na Crìochan, mu dheireadh ann an Cille Rìmhinn oidhche Chiadain mus do dhealaich e bho a charaidean. Bha na mìltean de dh'oileanaich agus daoine bhon sgìre an sàs ann an iomairt gus lorg fhaighinn air Disathairne.

Ulbha

Tha gàirdeachas ga dhèanamh air taobh siar Mhuile às dèidh do Mhaoin Fearainn na h-Alba innse gun toir iad còrr air £4m dhan choimhearsnachd a th' airson Eilean Ulbha a cheannachd. Chaidh luach £4.5m a chur air an oighreachd, agus gheall a' mhaoin còrr air £4.4m dhan choimhearsnachd.

Siria

Bhàsaich boireannach à Breatainn ann an ceann a tuath Shiria far an robh i a' sabaid còmhla ri feachdan Curdach. Tha sinn a' tuigsinn gun do bhàsaich Anna Chaimbeul, 26, à Lewes ann an Sussex, ann am baile Afrin. Tha feachdan Tuirceach an dèidh a bhith a' sabaid nan Curdach an sin airson dà mhìos a-nis.

Cearrachas

Tha Coimisean a' Chearrachais ag ràdh nach bu chòir dha a bhith ceadaichte suas ri £100 a chur ann an geall "fixed odds". Dh'iarradh iad seo a thoirt sìos gu £30, agus £2 airson innealan "slot". Tha an gnìomhachas ag ràdh gun tèid mòran obraichean a chall.

Barraigh

Tha muinntir Bharraigh ag iarraidh freagairtean bho Chal Mac mu carson a tha an t-seirbheis aiseig aca gu Tìr Mòr air a chur dheth cho tric. Chaidh seòladh èiginneach bhon Òban gu Bàgh a' Chaisteil a chur dheth gun rabhadh Disathairne. Thuirt an comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford, gun robh iad iomadach là gun seirbheis idir, agus gu bheil e na bheachdsan mì-chothromach gu bheil seirbheis air a cur dheth gun adhbhar a ghabhas tuigsinn. Tha sinn air beachd iarraidh bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.